Na Duaisean Litreachais 2020 - Fiosrachadh a bharrachd

 

FIOSRACHADH A BHARRACHD

Ri linn COVID-19, tha bùth agus oifisean Chomhairle nan Leabhraichean a-nis dùinte. Dh’iarramaid air foillsichear no sgrìobhadair sam bith a tha am beachd tagradh a chur a-steach gu Na Duaisean Litreachais 2020 clàr-iarrtais fa leth airson gach tagradh a chur air post-d gu Alison Lang alison@gaelicbooks.org air thoiseach air 1 Cèitean 2020. Chan eil e comasach dhuinn gabhail ri na leabhraichean fhèin an-dràsta ach cuiridh sinn brath chun nan tagraichean uile às dèidh a’ chinn-latha.

  • A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do thagraidhean ann an cruth leabhair-d no leabhair‑èisteachd?

- Chan eil am-bliadhna. Tha sinn an dòchas Na Duaisean Litreachais a leudachadh anns na bliadhnaichean ri teachd gu bhith a’ gabhail a-steach roinnean a bharrachd.

  • A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean a tha foillsichte leis an ùghdar fhèin?

- Tha, fhad ’s a tha iad foillsichte gu ìre proifeiseanta agus le ISBN fa leth aca.

  • A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do sgrìobhadh air eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig bho chànan eile?

- Tha an fharpais airson leabhraichean ann an clò fosgailte do sgrìobhadh air eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig bho chànan eile. Chan eil an fharpais airson làmh‑sgrìobhainnean neo‑fhoillsichte fosgailte do dh’obair air eadar-theangachadh bho chànan eile – bu chòir dhan sgrìobhadh sin a bhith ùr agus leis an tagraiche bho thùs.

  • A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean air an ath-fhoillseachadh no dìreach airson leabhraichean a tha ann an clò airson a’ chiad uair?

- Chan eil e ceadaichte tagradh a chur a-steach airson leabhar a tha air ath-fhoillseachadh – tha an fharpais gu sònraichte ag amas air sgrìobhadh ùr a bhrosnachadh. Ma tha leabhar air ath-fhoillseachadh ann an eagran ùr le atharrachadh mòr no deagh thomhas de theacsa ùr air a chur ris, thèid gabhail ris a rèir co-dhùnadh nam britheamhan.

  • A bheil Na Duaisean Litreachais fosgailte do thagraidhean air cuspair co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a tha sgrìobhte ann an cànan eile, ach anns a bheil glè bheag de theacsa sa Ghàidhlig?

- Chan eil. Bu chòir co-dhiù 50% de thagradh a bhith sgrìobhte sa Ghàidhlig airson a chur a‑steach dhan fharpais.

  • A bheil e ceadaichte tagradh a bha a-staigh airson Duais Dhòmhnaill Meek a-cheana a chur a-steach gu farpais nan Duaisean Litreachais?

- Tha e ceadaichte leabhar foillsichte a chur a-steach mar thagradh dha Na Duaisean Litreachais ma bha an teacsa a-steach airson Duais Dhòmhnaill Meek a-cheana fhad ’s nach do choisinn e duais. Chan eil e ceadaichte làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte a bha a-staigh airson Duais Dhòmhnaill Meek a-cheana a chur a-steach gu farpais làmh-sgrìobhainn nan Duaisean Litreachais.

 

 

Ma tha ceist agaibh mu dheidhinn nan Duaisean Litreachais nach eil air a freagairt gu h‑àrd, cuiribh brath gu Alison Lang air alison@gaelicbooks.org no 0141 337 6211.