Còig Duilleagan na Seamraige - Ruaraidh MacIlleathain

Còig Duilleagan na Seamraige - Ruaraidh MacIlleathain

Foillsichte le CLÀR. Ri fhaighinn sa Ghiblean 2019

’S e Còig Duilleagan na Seamraig nobhail phoilitigeach de ghnè nach eil cumanta ann litreachas na Gàidhlig.

Tha an stòiridh, a tha a’ gluasad eadar a’ Ghàidhealtachd, Èirinn, Lunnainn agus Paris, a’ gabhail a-steach thachartasan mòra o chionn ceud bliadhna co-cheangailte ri Dòmhnall MacCoinnich à Geàrrloch a tha na oifigear-dìon agus tosgaire dìomhair do Dhaibhidh Lloyd George, am fear-poilitigs as cumhachdaiche a th’ ann. Tha adhbhar saorsa na h-Èireann a’ greimeachadh air cogais Dhòmhnaill agus tha a dhìlseachd do dh’Ìmpireachd Bhreatainn a’ tighinn fo dheuchainn mhòr.

Fillte am measg a h-uile càil, tha an strì airson chòraichean bhòtaidh do bhoireannaich agus falachd nimheil o òige a tha a’ leantainn Dhòmhnaill fad a bheatha. Tha an fhìrinn, dìlseachd agus gràdh a’ tighinn fo impidh ann an dràma a tha a’ ruith eadar 1896 agus 1922 ach aig a bheil mac-talla ann an saoghal an latha an-diugh.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: