Ronan agus Brianuilt

Rònan agus Brianuilt

Le Fionnlagh MacLeòid, foillsichte le Acair - ri fhaighinn An Gearran 2018.

Ath-fhoillseachadh air ‘Rònan agus Brianuilt’ le Fionnlagh MacLeòid, agus le deilbh Anndra MacMhoirein. ‘S e seo a’ chiad leabhar chloinne Gàidhlig a dh’fhoillsich Acair ann an 1977, agus bha an leabhar a’ còrdadh ri mòran thairis air nam bliadhnaichean, an dà chuid anns an dachaigh agus anns an sgoil. Tha an cothrom ath-fhoillseachadh a dhèanamh air an leabhar-sa a’ toirt an sgeulachd gu ginealach chloinne gu tur ùr, le fios gun còrd e riutha a cheart cho math sa chòrd e ri clann o chionn 40 bliadhna.

‘S e dà ghobhar a th’ ann an Rònan agus Brianuilt a tha a’ tòiseachadh an turas aca ann an fìor cheann a tuath Eilean Leòdhais. Tha Rònan dall, agus `s e leigheas fhaighinn dha am prìomh amas aca le bhith a’ tadhal air iomadach teampall agus tobar-slàinte air feadh nan Eilean Siar. Tha an turas aca gan toirt sìos gu ceann a deas Bharraigh, agus air an t-slighe tha iad a’ tighinn tarsainn air grunn thachartasan agus àiteachan inntinneach. Tha iad an uair sin a’ dèanamh an t-slighe air ais suas na h-eileanan, an turas-sa a’ gabhail slighe diofraichte gu faic iad tuilleadh.

Tha an teacsa ann an ‘Rònan agus Brianuilt’ furasta a leughadh do chlann a tha fileanta sa Ghàidhlig bho aois naoi agus nas aosta, agus tha an litreachas air ùrachadh agus a’ leantainn riaghailtean GOC an latha an-diugh.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: