Boireannaich Beachdail - GWL

Boireannaich Beachdail - GWL

Diardaoin 15 Samhain
6.00 - 7.30f
Glasgow Women's Library (23 Sràid Landressy, Glaschu G40 1BP)

Thig còmhla ri triùir sgrìobhadairean briathrail, beachdail ann an còmhradh le Catrìona Mhoireach, Cathraiche Chomhairle nan Leabhraichean.

Tha Seonag Monk air cliù a chosnadh airson caractaran boireann làidir a chruthachadh, gu h-àraid anns an nobhail Mil San Tì. Tha Muireann Kelly na Stiùiriche aig Theatre Gu Leòr, a thug guth dhan a' bhana-bhàrd Màiri Ruadh a-rithist ann an 2018 anns an dealbh-chluich Cèilidh. Tha an seinneadair Linda NicLeòid a' fàs ainmeil am measg pàistean fo aois-sgoile, is i na rionnag air prògraman-cloinne leithid Leugh le Linda air BBC Alba.

Gun teagamh, tha sealladh sònraichte, èibhinne aca air saoghal craoladh, litreachas agus cultar na Gàidhlig.

(Bidh an tachartas seo ann am Beurla agus Gàidhlig)

Tha tiogaidean an-asgaidh rim faighinn tro làrach-lìn GWL


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: