Cur air Bhog: Constabal Murdo - Dùn Omhainn

Cur air Bhog: Constabal Murdo - Dùn Omhainn

3.00pm - Diciadain 17 Dàmhair
Talla na Banrighinn, Dùn Omhain PA23 7HH

Thèid Constabal Murdo, an nobhail eucoir ùr le Aonghas Pàdraig Caimbeul, a chur air bhog aig tachartas sònraichte mar phàirt den Latha Litreachais aig Mòd Dhùn Omhainn.

Anns a' chathair, bidh fear a tha gu math eòlach air 'whodunits', sàr-chraoladair Derek 'Pluto' Murray a bha na phoileas fad bhliadhnaichean mòra ann an Srath Chluaidh. Chan eil teagamh ann gum bi tòrr spòrs agus sùsbaint sa chòmhradh eadarra.

Tha an sgeulachd a' leantainn Constabal Murdo - Leòdhasach a' fuireach ann am Barraigh - 's e air tòir nam mèirleach a ghoid bràist eachdraidheil bho Chaisteal Chiosmuil. Fàsaidh rudan nas inntinniche buileach nuair a thig dithis phoileas àrdanach bhon tìr mhòr gus cuideachadh a thoirt do Mhurdo leis a’ chùis. Tha sgrìobhadh a’ Chaimbeulaich siùbhlach is furasta ri leantainn. Gheibhear tòrr àbhachd san leabhar seo ach a’ cheart àm bheirear sùil air cuspairean inntinneach mar choimhearsnachd, eachdraidh is leas-breith.

Tha an tachartas saor an asgaidh - ma tha thu aig a' Mhòd am-bliadhna, feuch gun tadhail thu a-steach air cur air bhog leabhar eucoir Gàidhlig a dh'fheumar leughadh sa bhad!

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: