Cuairt Mhòr nan Gàidheal

Cuairt Mhòr nan Gàidheal


Mar phàirt den a' bhliadhna shònraichte againn, bidh sinn a' cur cuairt-coiseachd litreachail air dòigh ann an Taobh an Iar Ghlaschu.

A bharrachd air leughaidhean agus òraidean bho sgrìobhadairean agus bàird chliùiteach, chìthear dealbh-chluich ùr, cluinnear òrain Ghàidhlig ceangailte ris a' bhaile agus gheibhear cothrom ceangal a dhèanamh le coimhearsnachdan Gàidhlig anns a' Ghearmailt agus an Albainn Nuadh. Bidh 'Cuairt na Cloinne' ann cuideachd do theaghlaichean, le spòrs agus geàmannan.

Gheibhear tiogaidean an-asgaidh tro Eventbrite

Bidh a' chuairt a' tòiseachadh aig an Tall Ship aig 1.00f, far am bi Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn a' seinn. Bidh sinn an uairsin a' coiseachd gu taigh-tasgaidh Kelvingrove, a' cluinntinn bàrdachd is ceòl air an t-slighe, far am faicear dràma ùr le Alison Lang. Bidh seisean 'Leugh is Seinn le Linda' an seo cuideachd. Thèid sinn tron a' phàirc gu Park Circus agus an Goethe Institute, far an cluinnear bho Mhìcheal Klevenhaus agus Emily McEwan-Fujita mu dheidhinn coimhearsnachdan Gàidhlig anns a' Ghearmailt agus Albainn Nuadh. Bidh tì/cofaidh ri fhaighinn an seo cuideachd. Thig a' chuairt gu crìoch aig Oilthigh Ghlaschu le tuilleadh òrain/ceòl agus sgeulachdan mu dheidhinn Gàidheil Ghlaschu Bidh rickshaws ann dhaibhsan a tha feumach orra!

Chan fheumar pàirt a ghabhail anns a' chuairt air fad - airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn a' chlàr-ama, cuir fios thugainn

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: