Fèis Blas: Latha Dhòmhnaill

Fèis Bhlas: Latha Dhomhnaill

Dihaoine 14 Sultain, 10.00m
Talla Choimhearsnachd Bheàrnaraigh, Eilean Leòdhais

Tiogaidean £12/£10/£5 bho làrach-lìn na Fèise


Tachartas sònraichte a' comharrachadh beatha agus obair Dhomhnaill MhicAmhlaigh, sàr-bhàrd agus sgoilear na Gàidhlig

Bha an t-Ollamh MacAmhlaigh na bhall de bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean o thòisich a’ Chomhairle ann an 1968, agus na Chathraiche bho 1991, gus an do sheas e sìos ann an 1996, is leis an sin bha an t-Oll. MacAmhlaigh na bhall dhen Chomhairle na b’ fhaide na neach sam bith riamh.

Thug e a-mach a’ chiad chruinneachadh bàrdachd aige, Seòbhrach às a’ Chlaich (Gairm) ann an 1967, agus an dàrna cruinneachadh aige, Deilbh is Faileasan (Acair) ann an 2008. Nochd a bhàrdachd cuideachd ann an iomadach iris agus duanaire thairis air na bliadhnaichean.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: