...ach iadsan a bha 'n Glaschu

Fèis 2018: "...ach iadsan a bha 'n Glaschu"

Dihaoine 3 Lùnastal - 6.00f
Gàrradh Bàrdachd, Pàirc na Banrighinn, Langside Avenue, Glaschu G42 8QR (geata mu choinneamh Taigh-òsta Ivory)

Ann an Gàrradh Bàrdachd Pàirc na Banrighinn, bithear a' comharrachadh triùir bhàird Ghàidhlig - Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus Somhairle MacGill-Eain - tro òrain, briathran agus ceòl. Bidh an tachartas sònraichte seo cuideachd na chomharrachadh air 50 bliadhna on a chaidh Comhairle nan Leabhraichean a stèidheachadh.

Tiogaidean an-asgaidh rim faighinn tro Eventbrite

Tha an tachartas seo mar phàirt de phrògram eadar-mheasgte de dh'Ealain Ghàidhlig a thèid a thaisbeanadh san Lùnastal mar phàirt de Fhèis 2018 – am prògram cultarach airson Mòr-Fharpaisean Eòrpach Ghlaschu 2018.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: