May Festival 2018

MayFest 2019 - Obar Dheathain


Disathairne 25 Cèitean 2019, 14:30 - 15:30
Seòmar Multimedia, Oilthigh Obar Dheathain

Thig còmhla ri dithis aig a bheil cliù mhòr ann an saoghal litreachais agus saoghal ciùil na Gàidhlig, ann an còmhradh le Mark Wringe mu dheidhinn nam pròiseactan ùra aca:

Bidh Ruairidh MacIlleathain, ùghdar An Creanaiche, , ann an còmhradh mu dheidhinn nobhail ùr, Còig Duilleagan na Seamraig, air an robh Duais Dhòmhnaill Meek a bhuileachadh ann an 2018. ’S e nobhail phoilitigeach a th’ ann, de ghnè nach eil cumanta ann litreachas na Gàidhlig.

Bidh Gìllebride MacIlleMhaoil seinneadair cliùiteach agus cleasaiche anns an t-sreath telebhisean Outlander, ann an còmhradh mu dheidhinn Freumhan Falaichte, an treas clàr aige. Cluinnear òrain bhon chlàr agus cuid de na sgeulachdan air cùlaibh nan òran.

Bidh tiogaidean rim faighinn bho làrach-lìn na Fèise bho dheireadh a' Ghiblein.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: