Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann

Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann


Verse Dialogues and Poetic Translation
Disthairne 25 Lùnastal, 6.30f - 7.30f (Writers' Retreat)

Tiogaidean £8 / £6, rin ceannach bho làrach-lìn na Fèise

Bidh Mark Wringe bho Radio nan Gàidheal, ann an còmhradh le bàird Albannach is Èireannach, a' dèanamh luaidh air an dàimh làidir eadar cultar agus litreachais an dà dhùthaich. Bidh Maoilios Caimbeul agus Diarmuid Johnson a' bruidhinn air a' chruinneachadh aca, An Dà Anam, coluadar eadar dithis bhàrd ann an Gàidhlig na h-Alba is na h-Èireann, a tha a' togail cheistean air dè is urrainn do neach a chreidsinn anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò.
Agus bidh dithis bhàrd ùr ann cuideachd bho dà thaobh Sruth na Maoile, Aifric Mac Aodha agus Niall O'Gallagher, a' bruidhinn air an cuid bàrdachd fhèin.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: