Aye Write 2019

Aye Write! 2019

Tha tiogaidean a-nis ri fhaighinn airson Fèis Aye Write! ann an Glaschu eadar 14-29 Màrt. Tha trì tachartasan Gàidhlig ann do dh'inbhich:

  • Aonghas Pàdraig Caimbeul - Constabal Murdo
    Diardaoin 14 Màrt, 18.00-19.00 - Leabharlann Mitchell
    Bidh Aonghas Pàdraig Caimbeul a' bruidhinn mun nobhail eucoir aige, Constabal Murdo
    Tha bràiste òir luach nam mìltean mòra air a dhol à sealladh à Caisteal Chiosamuil am Barraigh. ‘S ann air Constabal Murdo, bhon a’ Bhac, a tha uallach faighinn a-mach co dh’fhalbh leatha. Tha seachdnar fo amharas aige. Saoil cò rinn e, agus carson?

  • Mgr Iain Agus Bard Iolaraidh
    Diardaoin 14 Màrt, 19.45-20.45 - Leabharlann Mitchell
    Dàin agus òrain – dà leabhar ùr air an deasachadh le Iain MacDhòmhnaill. Ged a tha iomadach bliadhna o dh’eug an t Athair Iain MacIlleMhaoil à Barraigh, tha deagh chuimhne air fhathast – mar shagart, mar bhàrd agus mar dhuine air robh meas mòr. Tha dàin agus òrain Ruairidh MhicAoidh – bàrd Iolaraidh – a’ nochdadh ann an riochd ùr den leabhar Oiteagan à Tìr nan Òg.

  • Iain Moireach - Litreachas na Tìre
    Dihaoine 29 Màrt, 19.45-20.45 - Leabharlann Mitchell
    Bidh Iain Moireach a' toirt iomradh air na h-àiteachan anns a' Ghàidhealtachd far an deach òrain, dàin is sgeulachdan a stèidheachadh, agus a' dèanamh sgrùdadh air sgrìobhaidhean Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Somhairle MacGill-eain agus Niall M. Gunn.
    Litreachas na Tìre – oràin, bàrdachd agus sgeulachdan

Gheibhear tiogaidean airson a h-uile tachartas air làrach-lìn Aye Write


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: