Fèis Leabhraichean Inbhir Narainn 2018

Fèis Leabhraichean Inbhir Narainn 2018

11.00m – 12.00f, Dihaoine 14 Sultain, Talla Coimhearsnachd Inbhir Narainn
Ruairidh MacIlleathain: Còig Duilleagan na Seamraig
Tiogaidean £8 / £3 - rim faighinn bho làrach-lìn na Fèise

Bidh Ruairidh MacIlleathain, ùghdar An Creanaiche, ann an còmhradh mu dheidhinn nobhail ùr, Còig Duilleagan na Seamraig. ’S e nobhail phoilitigeach a th’ ann, de ghnè nach eil cumanta ann litreachas na Gàidhlig. Tha an stòiridh, a tha a’ gluasad eadar a’ Ghàidhealtachd, Èirinn, Lunnainn agus Paris, a’ gabhail a-steach thachartasan mòra o chionn ceud bliadhna.

Bidh eadar-theangachadh mar aon aig an tachartas seo dhaibhsan nach eil buileach fileanta sa Ghàidhlig.


 6.00f, Dihaoine 14 Sultain, Talla Coimhearsnachd Inbhir Narainn
Cèilidh còmhla ri Catrìona Lexy Chaimbeul
Tiogaidean £8 / £3 - rim faighinn bho làrach-lìn na Fèise

Air chuairt air feadh Alba sa Mhàirt 2018, thug Cèilidh iomradh air sgeulachdan traidiseanta, ceòl agus òrain ach ann an dreach tèatar cho-aimsireil, agus fhuair e lèirmheasan anabarrach math. Thigibh còmhla ri cosgrìobhaiche an dealbh-chluiche ionmholta seo, Catriona Lexy Chaimbeul, airson sealladh sònraichte fhaighinn air mar a chaidh an dealbh-chluich a leasachadh, a chur air dòigh agus mar a ghabh an luchd-èisteachd ris.

Bidh eadar-theangachadh mar aon aig an tachartas seo dhaibhsan nach eil buileach fileanta sa Ghàidhlig.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: