Leugh is Seinn le Linda 2018

Leugh is Seinn le Linda 2018/19

Seiseanan-leughaidh Gàidhlig Loma-làn Sgeulachdan, Òrain is Gheamannan!

Bidh Leugh is Seinn le Linda a’ gabhail àite ann am bùth Chomhairle nan Leabhraichean eadar 1-2f, gu h-àbhaisteach air an Disathairne mu dheireadh dhen mhìos (bheiribh sùil air a' chlàr-ama gu h-ìseal). Tha an tachartas seo freagarrach do chloinn aois 0-5. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur faicinn, bidh spòrs gu leòr ann!

Leis gu bheil na seiseanan aig Linda a' fàs nas trainge a h-uile mìos, feumaidh sinn a-nis iarraidh air pàrantan clàradh air Eventbrite airson tiogaidean an-asgaidh. Gheibhear ceanglaichean gu Eventbrite ron a h-uile seisean. (Chan fheum pàrantan tiogaid a ghleidheadh dhaibh fhèin!)

Dèitichean 2018/19:

Disathairne 27 Dàmhair (Partaidh Shamhna)

Disathairne 17 Samhain - Tiogaidean an-asgaidh

Disathairne 15 Dùbhlachd (Partaidh Nollaige)

Disathairne 26 Faoilleach

Disathairne 23 Gearran

Disathairne 23 Màirt

Disathairne 27 Giblean

Disathairne 22 Ògmhios (Partaidh an t-Samhraidh)


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: