Sgoilearachd Foillseachaidh ann an Gàidhlig 2018-19

Sgoilearachd Foillseachaidh ann an Gàidhlig 2018-19

Sgoilearachd Chomhairle nan Leabhraichean ann an co-bhonn ri Ionad Shruighlea airson Foillseachadh is Conaltradh Eadar-nàiseanta ann an Oilthigh Shruighlea.

Sgoilearachd foillseachaidh ann an Gàidhlig na h-Alba airson a’ chùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh, Oilthigh Shruighlea, 2018-19.

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus an t-Ionad Foillseachaidh is Conaltraidh Eadar-nàiseanta aig Oilthigh Shruighlea a’ tairgsinn sgoilearachd làn-mhaoinichte le cothroman greis-gnìomhachais air a’ chùrsa gnìomhachais MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh (2018-19) ann an Oilthigh Shruighlea, do dh’oileanach a tha fileanta a thaobh labhairt agus sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Alba. 

 

An MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh

Tha an cùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh a’ tairgsinn do cheumnaichean ann an cuspair sam bith, toiseach tòiseachaidh farsaing anns a’ phròiseas foillseachaidh, le cuimse air leabhraichean, irisean is leabhraichean-latha clò-bhuailte, agus le fòcas làidir air leasachaidhean ann am meadhanan didseatach an taobh a-staigh co-theacsa eadar-nàiseanta. Tha e freagarrach do cheumnaichean a tha an dòchas a dhol a-steach don ghnìomhachas foillseachaidh no do ghnothachas no carthannas sam bith far am bi eòlas foillseachaidh ga sholarachadh, agus do phroifeiseantaich foillseachaidh bho thall thairis a tha a’ sireadh leudachaidh air an cuid eòlais eadar-nàiseanta.

Tha am prògram a’ còmhdach na h-obrach air fad a thaobh planadh, deasachadh, toradh, margaideachd agus stiùireadh foillseachaidh. Tha am prògram dealasach a thaobh an cleachdadh foillseachaidh as fheàrr a th’ ann a theagasg, agus mar sin tha susbaint a’ phrògraim air ath-ùrachadh gach bliadhna mar thoradh air na h-atharrachaidhean luath a tha a’ gabhail àite gu minig agus a tha a’ dèanamh cruth-atharrachadh air a’ ghnìomhachas air feadh an t-saoghail. Gu h-àbhaisteach, tha 30-36 oileanaich air a’ phrògram, a bhios a’ tòiseachadh san t-Sultain agus a’ maireann fad aon bhliadhna sgoilearach. Tha oileanaich bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn a Shruighlea a dh’ionnsachadh mu fhoillseachadh – anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha oileanaich air a bhith againn às an Rìoghachd Aonaichte, Èirinn, an Fhraing, a’ Ghearmailt, an Eadailt, an Spàinn, an Fhionnlain, an t-Suain, Cìopras, Laitbhe, an Òlaind, Sìona, Iapàn, Casagstan, Taiuan, Taidhlean, Tuircmeanastan agus na Stàitean Aonaichte.

Tha ceumnaichean bhon chùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh air a bhith soirbheachail a’ lorg obrach ann an raon eadar-mheasgte de chompanaidhean foillseachaidh san Rìoghachd Aonaichte agus air feadh an t-saoghail, le mòran dhiubh a-nis ag obair aig àrd-ìre agus a’ stiùiridh a’ ghnìomhachais foillseachaidh san 21mh linn.

Tha am prògram a’ maireann airson aon bhliadhna làn-thìde air a theagasg thairis air dà seimeastar (Sultain-Dùbhlachd, Gearran-Cèitean) agus tron t-samhradh. Anns na moidealan cùrsa, tha:

  • Daineamaig Fhoillseachaidh (Seimeastar 1) (èigneachail) – Tha am moideal seo a’ sgrùdadh diofar earrannan margaid, a’ cur an aithne bun-bheachdan mun ghnothachas foillseachaidh, ionmhas is seilbh inntleachdail agus a’ mion-sgrùdadh gluasadan agus cùisean foillseachaidh a tha an làthair. Tha e cuideachd a’ rannsachadh uallach dhreuchdan agus modhan-obrachaidh ann am foillseachadh, ag uidheamachadh oileanaich leis na sgilean agus leis an eòlas a tha riatanach gus soirbheachadh ann an dreuchd-beatha an lùib foillseachaidh.
  • Cleachdadh ann an Deasachadh agus Cruthachadh Susbaint (Seimeastar 1) (èigneachail): Tha am moideal seo a’ sgrùdadh nam modhan-obrachaidh leis a bheil pròiseactan foillseachaidh (a’ gabhail a-steach leabhraichean, irisean, leabhraichean-latha agus stuthan didseatach) air am bun-bheachdachadh ’s air an cruthachadh, a’ gabhail a-steach tro rannsachadh margaid agus tro àidseantan litreachail. Tha e a’ sgrùdadh stiùireadh ùghdaran agus goireasan seilbhe inntleachdail, agus sruth-obrach deasachail, a’ gabhail a-steach sgilean dèanadach ann an stiùireadh phròiseactan agus ann an ullachadh teacsa (clò-dheasachadh agus dearbh-leughadh). 
  • Stiùireadh Margaideachd agus Conaltradh (Seimeastar 1 & 2) (èigneachail): Tha am moideal seo a’ toirt a-steach teòiridh margaideachd agus eisimpleirean foillseachaidh dèanadach gus raon de ro-innleachdan a leasachadh a bhios èifeachdach ann an adhartachadh thoraidhean foillseachaidh tro mheadhanan traidiseanta agus didseatach, a’ gabhail a-steach lìonraidheadh sòisealta. Tha am moideal cuideachd a’ rannsachadh na loidhne solarachaidh ann am foillseachadh agus reic èifeachdach.
  • Pròiseact Foillseachaidh (Seimeastaran 1 & 2) (èigneachail): Bidh gach oileanach a’ bun-bheachdachadh pròiseact foillseachaidh (sampall de leabhar, iris no foillseachadh didseatach), teacsa thùsail is ìomhaighean agus an uair sin ga dhealbhadh ’s ga thoirt gu buil.  Còmhla ris a’ phròiseact, tha mion-sgrùdadh ga dhèanamh air na cùisean a tha a’ tighinn am bàrr na cruthachadh. Tha an obair a’ faotainn taic bho bhùithtean-obrach IT air foillseachadh agus bathar dealbhaidh (a’ gabhail a-steach InDesign, Photoshop, Acrobat agus cruthachadh EPubs). A thuilleadh air an sin, a’ cleachdadh nan sgilean a thog iad ann am Margaideachd, Stiùireadh agus Conaltradh, tha oileanaich ag innleachadh plana margaideachd le stuthan margaideachd na chois, mar ro-innleachd follaiseachaidh ciallach agus ùr-ghnàthach airson na pròiseict foillseachaidh aca.
  • Sgilean Trèanaidh airson Foillseachadh (Seimeastar 1 & 2) (èigneachail): Tha am moideal seo a’ neartachadh sgilean fastaidheil oileanaich, meadhanan sòisealta proifeiseanta, sgilean sgrìobhaidh is deasachaidh air-loidhne, modhan rannsachaidh agus leasachadh air rannsachadh pròiseict.
  • Foillseachadh san Àite-obrach (Seimeastar 2) (èigneachail airson sgoilearachd): Tha am moideal seo a’ toirt comas do dh’oileanaich a tha a’ gabhail greis- gnìomhachais no inntearnasan os làimh, na dh’ionnsaicheas iad san àite-obrach a ghabhail a-steach tro mheòrachadh breithneachail air an gnìomhachdan fhèin agus air gnìomhachdan is modhan-obrach a’ chompanaidh sa bheil iad air greis-gnìomhachais.
  • Sgilean airson Stiùireadh Foillseachaidh (Seimeastar 2) (èigneachail do sgoilearachd): Tha am moideal roghainneil seo a’ toirt comas do dh’oileanaich sgilean stiùiridh a leasachadh, a tha deatamach ann am foillseachadh. Am measg nan raointean a thathar a’ còmhdach tha ro-innleachd, obrachadh, cunnart, ionmhas agus riaghladh HR.
  • Didseatach: Modh-obrachaidh agus Toradh (Seimeastar 2): Tha am moideal roghainneil seo a’ toirt comas do dh’oileanaich sgilean, tuigse agus liut air foillseachadh didseatach a leasachadh, a mhodhan-obrachaidh agus a thoraidhean, a’ gabhail a-steach cur ri chèile geàrr-iomraidhean didseatach, ag ath-sgrùdadh ’s a’ luachadh thoraidhean didseatach, stiùireadh air meadhanan sòisealta agus còraichean didseatach, tuigse do mhoidealan e-gnothachas agus don eaconamaidh dhidseatach agus eagrachadh air cùisean anailis, prìomh-fhacail, SEO, meatadàta agus XML.
  • Foillseachadh, Litreachas agus Comann-sòisealta (Seimeastar 2): Tha am moideal roghainneil seo a’ dèanamh sgrùdadh air an eadar-obrachadh eadar foillseachadh co-aimsireil is eachdraidheil agus a’ chomann-shòisealta, a’ coimhead ri cuspairean co-cheangailte ri ùghdarachd, luchd-leughaidh agus a’ mhargaid litreachail, caisgireachd, foillseachadh aig àm a’ chogaidh, agus foillseachadh is iomadachd.
  • Tràchdas Foillseachaidh (samhradh) (èigneachail): ’S e pìos rannsachaidh dìon a tha seo mu chuspair ded roghainn fhèin a tha buntainneach do fhoillseachadh agus air aontachadh le Stiùiriche a’ Phrògraim. Tha an obair a’ sìneadh thairis air an dà seimeastar agus a-steach don t-samhradh.

Airson sgoilearachd Chomhairle nan Leabhraichean, thathar ag iarraidh gum bi pàirt ann an Gàidhlig aig an oileanach shoirbheachail air a chur don mhoideal air Pròiseact Foillseachaidh, am moideal air Foillseachadh san Àite-obrach a ghabhail os làimh (faic tuilleadh fiosrachaidh anns na ‘Greisean Gnìomhachais’  gu h-ìosal) agus cuimse a bhith air a’ Ghàidhlig san Tràchdas, a bhithear a’ deasbad ’s ag aontachadh ro-làimh le Comhairle nan Leabhraichean.

Sgrìobh a’ chiad neach a ghlèidh sgoilearachd cunntas an seo air na rinn e air a’ phrògram.

 

Greisean Gnìomhachais

Bidh an t-oileanach soirbheachail a’ gabhail a’ mhoideal air Foillseachadh san Àite-obrach os làimh ann an Seimeastar 2. Cuiridh Comhairle nan Leabhraichean greis-gnìomhachais iomchaidh air dòigh le foillsichearan Gàidhlig. Tha foillsichearan Gàidhlig na h-Alba stèidhichte air feadh Gàidhealtachd is Eileanan na h-Alba agus feumaidh an t-oileanach soirbheachail a bhith deònach siubhal agus a bhith suidhichte leis an fhoillsichear a chaidh aontachadh.

Bidh an duais sgoilearachd a’ còmhdach cosgaisean reusanta siubhail is cuid-oidhche uile, dom bithear buailteach ann an siubhal gu àiteachan greis-gnìomhachais.

 

Maoineachadh

Tha an sgoilearachd maoinichte le Comhairle nan Leabhraichean agus Oilthigh Shruighlea. Tha an sgoilearachd a’ còmhdach cìsean cùrsa Dachaigh/EU de £6300, agus a’ tairgsinn maoineachadh a bharrachd de £1700 airson cosgaisean siubhail is cuid-oidhche.

Bidh am maoineachadh airson siubhal is cuid-oidhche air a phàigheadh aig toiseach Ràithe 1 agus Ràithe 2 ann an co-rèir ri aithisg fhreagarrach co-cheangailte ri làthaireachd agus gnìomh an oileanaich shoirbheachail. Bithear a’ dùileachadh don oileanach coinneachadh gu cunbhalach ri Stiùiriche a’ Phrògraim agus Comhairle nan Leabhraichean airson deasbad mu adhartas.

 

Tagraidhean

Tha trì ìrean an lùib an tagraidh:  

  1. Cuir làn- tagradh a-steach (a’ gabhail a-steach aithris phearsanta agus dà theisteanas) airson àite air a’ chùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh tro Oifis Clàraidh Cheumnaichean aig Oilthigh Shruighlea. Tha mion-fhiosrachadh mun dòigh air tagradh a dhèanamh ri fhaotainn an seo.

Ceann-latha deireannach: Dihaoine 18 Cèitean 2018.

  1. Cuir ann an cruth pdf air post-dealain agus aithris phearsanta a bharrachd ann an Gàidhlig  (gun bharrachd na 1500 facal), a’ toirt seachad mion-fhiosrachadh air a) mar a gheibheadh tu buannachd às an sgoilearachd nad dhreuchd-beatha agus b) dè tha thu a’ faicinn cudromach agus dè na cothroman ann am foillseachadh Gàidhlig.  Feuch gun cuir thu d’ ainm air an sgrìobhainn còmhla ri teachdaireachd ann am Beurla sa phost-d agad. Cleachd ‘Comhairle nan Leabhraichean’ mar an cuspair san tiotal. Ceann-latha deireannach: Dihaoine 18 Cèitean 2018.
  2. Gheibh tagraichean air a’ gheàrr-liosta cuireadh gu agallamh air 11 Ògmhios. Bidh pàirt den agallamh anns a’ Ghàidhlig.

 

Ceistean

Bu chòir ceistean sam bith mun sgoilearachd a bhith air an cur gu Claire Squires.

(Faigh am fiosrachadh seo ann an cruth PDF)

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: