Fèillire Cholm Cille ​​​​​​​le Griogair MacThòmais

Bhuannaich an dàn seo a’ phrìomh dhuais ann an roinn nan inbheach fileanta san Fharpais-sgrìobhaidh Chaluim Chille 1500 againn sa Chèitean 2021.

 

Fèillire Cholm Cille

le Griogair MacThòmais

Am Faoilleach
Gealag-làir a’ carachadh
ri taobh Loch Gartain -
rugadh fionn-ogha Nèill.

An Gearran
Dreag os cionn Èireann -
baisteadh sionnach òg
le driùchd Thulach Duglaise.

Am Màrt
Là Fhèill Chruithneachain
a chunnaic las os cionn Cholm -
deucon ùr fo stiùir.

An Giblean
Plàigh an Glas Naoidhean,
bàs is lobhadh san àile earraich.
Tha glainnead san doire.

An Cèitean
Sgrìobhadh salmadair
air seice laoigh ìobairte
mu uan na sìthe.

An t-Ògmhios
Feannagan-dubha
mu bhlàr Chath an Leabhair -
còir-sgrìobhaidh buailte.

An t-Iuchar
Soirbheas a’ mhìos bhuidhe.
Curach far cladach Chinn Tìre
dà dheug ’s a h-aon innt’.

An Lùnastal
Dubhadh às an Lùnastal.
Altus Prosator
Feuch, an Cruithear!

An t-Sultain
Ciont an deòraidh -
A’ ruagadh pàganachd
fo ghealaich abachaidh.

An Dàmhair
Dh’fhàs uaine gorm
caor-aitinn abaich –
bàrr agus treud san iodhlainn.

An t-Samhain
Taobh Nis ann an lios
Bhruide mhic Mhaolchon
tha leamhain a’ caitheamh dhuilleag.

An Dùbhlachd
Tost a’ mhìos mhairbh -
tha rìghrean a’ caoidh bràthar
abaid a’ caoidh athar.

---

Foirlionadh
Chaidh taise naoimh
a ghiùlan ro fheachd -
is an là le oighre Charraig.