Sàr-sgrìobhadh a’ comharrachadh Calum Chille 1500

Bha na h-ùghdaran cliùiteach a bha a’ breithneachadh air Farpais Sgrìobhaidh Chaluim Chille 1500 air am brosnachadh le ealantas is mac-meanmna nan sgrìobhadairean a chuir peann ri pàipear gus beatha agus dìleab an naoimh ainmeil a chomharrachadh. Chuir Comhairle nan Leabhraichean an fharpais air dòigh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, a’ tabhann dhuaisean luach £1,500 gu h-iomlan do bhun-sgoilearan, àrd-sgoilearan agus inbhich.

 

Is iad an luchd-buannachaidh:

Inbhich: Greg MacThòmais (fileanta) Donnchadh Sneddon (luchd-ionnsachaidh)

Àrd-sgoil: prìomh àite: Sorcha NicThòmais (Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig, S5) dàrna àite co-ionann: Ruaraidh Camshron (Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig, S4) agus Calum MacLeòid (Sgoil Sir E Scott, S1)

Bun-sgoil: prìomh àite: Ceit Mhoireach (Sgoil an Rubha, P6) dàrna àite co-ionann: Gordon Mair (Bun-sgoil Innis an Uillt, P4), Màiri NicAmhlaigh (Sgoil an Rubha, P6) agus Daisy NicCoinnich (Sgoil an Rubha, P7)

 

Mhol an t-ùghdar agus craoladair Iain Urchardan na 22 pìosan a thàinig bho na bun-sgoiltean airson measgachadh cho tlachdmhor de dh’eachdraidh is mac-meanmna a chur an cèill, a’ cleachdadh seann ghnàthasan-cainnte bheairteach. Thuirt e, “Bha bàrdachd, rosg is ealain-sùla ann! Fèist – an dà chuid dhan eanchainn is dhan chridhe. Abair gun tug sibh dòchas dhuinn a thaobh staid-sgrìobhaidh na Gàidhlig san àm seo agus san àm ri teachd.”

Thuirt Sandaidh NicDhòmhnaill Jones, Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich, gun robh modhan-aithris nan tagraidhean aig ìre àrd-sgoil gu math siùbhlach agus tarraingeach. “Bha mise a’ faireachdainn gu robh mi a’ leughadh làmh-sgrìobhainnean nan ùghdaran inbhich ri teachd, agus nach mise a nì fiughair ri barrachd a leughadh leothasan, agus am faicinn ann an clò.”

A’ beachdachadh air na pìosan a sgrìobh na h-inbhich, thuirt am bàrd ainmeil Aonghas Pàdraig Caimbeul, “Bha e na thlachd agus na dhùbhlan leughadh tro thagraidhean nan inbheach. Chòrd na h-ìrean rium, agus an fharsaingeachd eadar bàrdachd, sgeulachd is aithris. Tha a neart aig gach aon.Cha robh caolas sam bith eadar an dàn a chuir an triùir againn sa chiad àite agus an dàn a bha san dàrna àite son nam fileantach. Bha an aiste a ghlèidh raon an luchd-ionnsachaidh mionaideach, fiosrachail agus na foghlaim.”

Bha e na adhbhar dòchais do na britheamhan uile agus do Chomhairle nan Leabhraichean gun deach pìosan cho sgileil is cho inntinneach a sgrìobhadh, an dà chuid a thaobh rosg agus bàrdachd. Thèid na pìosan a fhuair duaisean fhoillseachadh air www.gaelicbooks.org san Ògmhios 2021 airson latha Fèill Chaluim Chille a chomharrachadh. Bidh daoine ann an Alba, Èirinn agus Eilean Mhanainn a’ comharrachadh ceann-bliadhna Chaluim Chille ann an 2021, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile sna trì dùthchannan.