NA DUAISEAN LITREACHAIS 2021

 

Na Duaisean Litreachais 2021

Tha Na Duaisean Litreachais 2021 fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2020 agus 30 Giblean 2021 ann an diofar ghnèithean litreachais:

  • Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn airson an leabhair fhicsein as fheàrr
  • Duais Ruaraidh MhicThòmais airson an leabhair bhàrdachd as fheàrr, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba
  • Duais Dhòmhnaill Meek airson an leabhair neo-fhicsein as fheàrr
  • Duais airson an leabhair as fheàrr do chloinn/òigridh

A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, faodaidh sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach, agus gheibh ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn cothrom an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair.

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean:

“Tha sinn an comain ar caraidean aig Comann Gàidhealach Lunnainn agus Acair airson a bhith an sàs anns na Duaisean Litreachais a-rithist, mar a bha iad an-uiridh. Agus anns a’ bhliadhna sa bheil sinn a’ comharrachadh 100 bliadhna bho rugadh Ruaraidh MacThòmais, a’ chiad Chathraiche a bh’ aig Comhairle nan Leabhraichean, tha sinn taingeil do Leabharlann Bàrdachd na h-Alba airson taic a chumail ris an duais airson an leabhair bhàrdachd as fheàrr. Tro na duaisean seo tha sinn airson aire a thoirt don tàlant a th’ aig sgrìobhadairean Gàidhlig agus do chàileachd nan leabhraichean a chaidh fhoillseachadh sa bhliadhna a dh’fhalbh.”

Thuirt Asif Khan, Stiùiriche Leabharlann Bàrdachd na h-Alba:

“Tha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba toilichte a bhith a’ cumail taic ris an fharpais airson an leabhair bhàrdachd as fheàrr am-bliadhna, air ainmeachadh airson fear de na cinn-suidhe urramach againn, Ruaraidh MacThòmais. Tha bàrdachd fo bhlàth ann an diofar choimhearsnachdan air feadh na h-Alba. Tha e cudromach gun aithnich sinn mar a tha bàrdachd a’ cur ri adhartas cultarach, sòisealta agus poilitigeach an nàisein, agus a’ gleidheadh, a’ taisbeanadh agus a’ comharrachadh nan cànanan dùthchasach againn.”

Thuirt Duncan Byatt, Ceann-suidhe Chomann Ghàidhealach Lunnainn:

“Tha Comann Gàidhealach Lunnainn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic a-rithist don duais airson an leabhair fhicsein as fheàrr, agus do Na Duaisean Litreachais san fharsaingeachd. Tha sinn taingeil do Chomhairle nan Leabhraichean airson an fharpais seo a chur air dòigh agus airson ùrlar a chruthachadh chan ann a-mhàin don neach-buannachaidh ach cuideachd airson barrachd leabhraichean ann an gnè-litreachais a tha a’ sìor fhàs agus a’ glacadh aire is macmheanmna nan leughadairean.”

Thuirt Agnes Rennie, Manaidsear Acair:

“Tha Acair toilichte taic a chur ri Na Duaisean Litreachais agus tha sinn an dòchas gum faic sinn meall thagraidhean a’ tighinn air adhart le sgeulachdan ùra.”

Is e 30 Giblean 2021 an ceann-là agus gheibhear fios mu na cumhachan is riaghailtean an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh air 16 Sultain 2021.