Britheamhan cliùiteach airson Farpais Sgrìobhaidh Chaluim Chille

 

Tha triùir sgrìobhadairean cliùiteach gu bhith nam britheamhan air an fharpais sgrìobhaidh aig Comhairle nan Leabhraichean, a’ comharrachadh 1,500 bliadhna bho rugadh an naomh Calum Cille. Tha an fharpais ag iarraidh air daoine sgrìobhadh a chur a-steach stèidhichte air beatha agus dìleab Chaluim Chille, a tha air buaidh mhòr a thoirt air cànan, cultar agus eachdraidh ann an Alba, Èireann, Manainn agus taobh tuath de Shasainn.

Air a’ phanal bidh Aonghas Pàdraig Caimbeul, Sandaidh NicDhòmhnaill Jones and Iain D. Urchardan.

Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air iomadach duais a chosnadh mar bhàrd, nobhailiche, neach-naidheachd, craoladair agus cleasaiche. A dh’aithghearr, bidh Luath Press a’ foillseachadh Tuathanas nan Creutairean, an t-eadar-theangachadh Gàidhlig aig Aonghas Pàdraig air Animal Farm le Seòras Orwell, a tha na chiad pìos sgrìobhaidh le Orwell air eadar-theangachadh dhan a’ Ghàidhlig. Tha Aonghas Pàdraig cuideachd ag obair air an lean-sgeul airson na nobhail eucoir èibhinn aige Constabal Murdo, a dh’fhoillsich Luath Press ann an 2018.

Tha Sandaidh NicDhòmhnaill Jones na bàrd, cumadair-ciùil, neach-ciùil agus cànanaiche. A bharrachd air an iomadach duais bàrdachd a choisinn Sandaidh, ann an 2019, chaidh a crùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich 2019-2021. Thèid an dàrna cruinneachadh den bhàrdachd aice, An Seachdamh Tonn, fhoillseachadh le Acair am-bliadhna.

Tha Iain D. Urchardan na sgrìobhadair de rosg agus bàrdachd, na mhinistear agus na chraoladair. Tha dà chruinneachadh de sgeulachdan goirid aige ann an clò – Breab, Breab, Breab agus Air an Oir, bho Acair – agus fhuair e Duais Dhòmhnaill Meek ann an 2019 airson Turas, a’ chiad chruinneachadh den bhàrdachd aige.

Tha duaisean luach £1,500 rim buannachadh ann an sia roinntean den fharpais, airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh aig ìre bun-sgoil, àrd-sgoil agus inbhich. Is e 1 Màrt 2021 an ceann-là agus gheibhear na riaghailtean an seo.

Is ann le taic bho Bhòrd na Gàidhlig a tha Comhairle nan Leabhraichean a’ cur na farpais seo air dòigh. Thairis air a’ bhliadhna a tha romhainn bidh iomadh thachartas ann an Alba, Èireann agus Manainn a’ comharracahdh ceann-bliadhna Chaluim Chille 1500. Faigh a-mach barrachd mun iomairt seo aig www.colmcille.net.