Dreuchdan - Cathraiche agus Buill a' Bhùird-stiùiridh

 

Ceann-là: 5f, Dihaoine 5 Màrt 2021

Tha Bòrd-stiùiridh Comhairle nan Leabhraichean a’ sireadh Buill ùra. Tha sinn cuideachd a’ sireadh Cathraiche ùr, a ghabhas an obair seo os làimh bhon t-Sultain 2021 air adhart.

Is e companaidh earranta agus buidheann charthannais chlàraichte a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean, a bhios a’ toirt taic do sgrìobhadairean agus foillsichearan agus a’ brosnachadh sgrìobhadh is leughadh sa Ghàidhlig ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha a’ bhuidheann a’ faighinn maoineachadh bho Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gàidhlig.

Bidh am Bòrd a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna – aig oifisean CNL ann an Glaschu san àbhaist, ach bho chionn ghoirid air-loidhne – agus bidh Buill a’ Bhùird cuideachd an sàs ann an coinneamhan agus tachartasan eile bho àm gu àm.

Thathas a’ sireadh dhaoine le ùidh làidir ann an Gàidhlig agus litreachas na Gàidhlig, agus gu h-àraid le eòlas air ionmhas, HR, togail airgid, foillseachadh no saoghal nan ealain. Thèid Buill a chur an dreuchd airson trì bliadhna sa chiad dol-a-mach, agus gabhaidh seo a leudachadh airson dà bhliadhna a bharrachd. Bidh Buill a’ frithealadh air a’ Bhòrd gu saor-thoileach, ach thèid cosgaisean a phàigheadh.

Chuirear fàilte air iarrtasan sgrìobhte bho thagraichean, a’ mìneachadh carson a bhiodh iad freagarrach airson nan dreuchdan seo, ro 5f air Dihaoine 5 Màrt 2021 gu alison@gaelicbooks.org no tron phost gu:

Alison Lang, Stiùiriche
Comhairle nan Leabhraichean
32 Sràid Achadh a’ Mhansa
Glaschu G11 5QP

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu uallaichean Buill a’ Bhùird agus mu Chomhairle nan Leabhraichean aig www.gaelicbooks.org no le bhith a’ cur fios gu Catrìona Mhoireach (Cathraiche) air 07887810788 no traighmhor@yahoo.co.uk, no gu Alison Lang (Stiùiriche) air 07949618557 no alison@gaelicbooks.org.