Farpais Sgrìobhaidh Chaluim Chille 1500

Ann an 2021 bidh daoine air feadh na h-Alba a’ comharrachadh 1,500 bliadhna bho rugadh Calum Cille, agus bidh ar caraidean ann an Èireann agus Manainn cuideachd a’ cuimhneachadh air an naomh ainmeil le diofar thachartasan tron bhliadhna.

Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ ruith farpais sgrìobhaidh, ag iarraidh air sean is òg, fileantaich is luchd-ionnsachaidh, sgrìobhadh a chur thugainn stèidhichte air beatha agus dìleab Chaluim Chille. Tha dà dhuais airgid de luach £250 ri fhaighinn sa cho-fharpais do dh’inbhich agus bidh cothrom aig clann àirleas-leabhair £50 a bhuannachadh dhaibh fhèin agus àirleas-leabhair £200 a bhuannachadh airson na sgoile aca!

Cumhachan agus riaghailtean

  1. Faodaidh sibh sgrìobhadh ann an cruth sam bith, m.e. aiste, fiscean, bàrdachd, sgriobt, sgeulachd ghrafaig no òran.
  2. Tha sia roinntean ann:
    • Inbhich (fileanta)
    • Inbhich (luchd-ionnsachaidh)
    • Àrd-sgoilearan (fileanta)
    • Àrd-sgoilearan (luchd-ionnsachaidh)
    • Bun-sgoilearan (fileanta)
    • Bun-sgoilearan (luchd-ionnsachaidh)
  3. Feumaidh am pìos a bhith sgrìobhte ann an Gàidhlig na h-Alba.
  4. Chan fhaod am pìos a bhith nas fhaide na na crìochan a leanas:
    • Inbhich: suas gu 2,000 facal
    • Àrd-sgoilearan: suas gu 1,000 facal
    • Bun-sgoilearan: suas gu 500 facal
  5. Gabhaidh tagraidhean a chur a-steach le sgrìobhadairean (no le tidsearan às leth nan sgoilearan aca) an am faidhle Word gu Alison Lang.
  6. Feumaidh ainm an sgrìobhadair agus roinn na duaise a bhith an cois gach tagradh, ach nì Comhairle nan Leabhraichean cinnteach nach tèid ainmean nan sgrìobhadairean air adhart gu na britheamhan.
  7. Chan fhaod sgrìobhadair sam bith barrachd air aon phìos a chur a-steach.
  8. Is e an ceann-là airson thagraidhean Diluain 1 Màrt 2021 aig 5f.
  9. Thèid na tagraidhean a mheasadh le pannal de bhritheamhan a bhios Comhairle nan Leabhraichean a’ fastadh.

Tha sinn an comain Bòrd na Gàidhlig airson Farpais Sgrìobhaidh Chaluim Chille 1500 a mhaoineachadh. Gheibhear fios mu phròiseactan eile co-cheangailte ris a’ cheann-bhliadhna an seo.