Bliadhna eile airson Bàrd a’ Chomuinn

Tha Sandaidh NicDhòmhnaill Jones, a chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu san Dàmhair 2019, gu bhith san dreuchd airson bliadhna eile. Le taic bhon Chomunn Ghàidhealach agus Comhairle nan Leabhraichean, bidh Sandaidh a’ leantainn oirre mar thosgaire airson litreachas na Gàidhlig.

Chuir an coronabhìoras stad air mòran de na tachartasan a bha gu bhith aig fèisean litreachais am-bliadhna, ach tha an t-eadar-lìon air ùrlar ùr a thoirt do sgrìobhadairean, agus tha Sandaidh air a bhith an sàs ann an còmhraidhean air-loidhne leis a’ bhàrd chliùiteach Meg Bateman, agus ann an tachartas sònraichte, “Taigh nam Bàrd”, le Eòghan Stiùbhart, Marcas Mac an Tuairneir agus Marion F NicIlleMhoire, aig a’ Mhòd air-loidhne san Dàmhair 2020, agus tha planaichean ann airson barrachd sa bhliadhna a tha romhainn.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich:

“Tha e na thlachd dhuinn gum bi Sandaidh a’ cumail oirre na dreuchd ‘Bàrd a’ Chomuinn’. Cha bheag an obair agus spionnadh a tha Sandaidh air a thoirt dhan dreuchd ’s tha i air deagh fhoillseachadh a thoirt do Litreachas na Gàidhlig rè na bliadhna mu thràth. Tha sinn a’ cur fàilte nach gann air a bhith ag obair còmhla ri Sandaidh airson bliadhna eile ’s bidh sinn a’ dèanamh fiughair ri leis an tuilleadh thaisbeanaidhean aice fhaicinn.”

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean:

“Tha sinn glè thoilichte gu bheil An Comunn Gàidhealach air Sandaidh a dhaingeachadh na dreuchd airson bliadhna eile, agus gu bheil cothrom aig Comhairle nan Leabhraichean a bhith a’ cumail taic rithe agus ri sgrìobhadairean eile aig an àm dhuilich seo. Tha e na adhbhar dòchais gu bheil bàrdachd na Gàidhlig fhathast a’ dol bho neart gu neart. Tha sinn moiteil às an obair a rinn Sandaidh gu ruige seo, agus a’ coimhead le fiùghair ris a’ bhliadhna a tha romhainn agus ris an leabhar ùr aice.”

Thuirt Sandaidh:

“Tha e air a bhith na urram dhòmhsa a bhith an sàs ann an iomadach oidhirp gus ìomhaigh bàrdachd agus litreachas Gàidhlig a thogail rè na bliadhna a dh’fhalbh. Tha mi toilichte gun deach againn air prògram thachartasan tarraingeach a choileanadh, a dh’aindeoin nan dùbhlan ar n-aghaidh. Tha mi fada an comain A’ Chomuinn Ghàidealaich agus Comhairle nan Leabhraichean, airson an taic agus earbsa annam, le bhith a’ sìneadh an ùine agam mar Bhàrd a’ Chomuinn; agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ri co-obrachadh riutha sa bhliadhna romhainn.”

Tron ghlasadh-sìos tha Sandaidh air crìoch a chur air an dàrna cruinneachadh de bhàrdachd aice. Thèid An Seachdamh Tonn fhoillseachadh ann an 2021 le Acair. Chaidh a’ chiad chruinneachadh aice, Crotal Ruadh, fhoillseachadh ann an 2016, agus tha e ri fhaighinn an seo. 

San t-Samhain 2020, bidh Sandaidh an sàs ann an dà thachartas airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba:

Diluain 16 Samhain 2020 aig 1f: Còmhraidhean Cruthachail aig Oilthigh Ghlaschu. Barrachd fiosrachadh an seo

Dihaoine 20 Samhain 2020 aig 6f: Piobrachadh na Ceòlraidh: Togail-Inntinn gus Bàrdachd agus Ceòl Gàidhlig a Sgrìobhadh: Bàrdachd is Òrain le Sandaidh NicDhòmhnaill Jones agus Gillebride Mac’IlleMhaoil, ann an co-bhann le Ceòlas agus Fèis Leabhraichean Uibhist. Barrachd fiosrachadh an seo.