Farpais ealain airson bhun-sgoiltean

 

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Comann Bhìoball na h-Alba air lethbhreac den Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr a thoirt don a h-uile sgoil ann an Alba a tha a’ tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, pàighte le tabhartas fialaidh bho Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.

 

Tha sinn a-nis a’ cur farpais air dòigh, ag iarraidh air cloinn sa bhun-sgoil dealbhan a dhèanamh stèidhichte air sgeulachdan às a’ Bhìoball – an Seann Tiomnadh no an Tiomnadh Nuadh.

 

Gheibh na dealbhadairean as fheàrr àirleasan-leabhair mar dhuais, agus thèid na dealbhan aca a chleachdadh mar chomharran-leabhair. Bidh sinn a’ measadh nan dealbhan ann an trì roinntean: P1-P3, P4-P5 agus P6-P7.

 

Ceann-là: Diluain 30 Samhain 2020

 

Cuiribh ur dealbhan gu:

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP

 

No, ma tha e doirbh seo a dhèanamh, faodaidh sibh “scan” a chur le post-d gu brath@gaelicbooks.org.

 

Dèanamh cinnteach gu bheil ainm an sgoileir agus seòladh puist no puist-d na sgoile no nam pàrant ceangailte ri gach dealbh, ach chan ann sgrìobhte air aghaidh na deilbh fhèin. Tha sinn cuideachd ag iarraidh fios mun dealbh, mar a leanas:

 

P1-P3: dè an sgeul a th’ ann, m.e. “breith Ìosa”, “Gàrradh Eden”

P4-P5: dè an sgeul a th’ ann, agus dè a’ chaibideil sa bheil e

P6-P7: dè an sgeul a th’ ann, agus dè a’ chaibideil agus na h-earrannan sa bheil e

Faodaidh inbheach an fheadhainn as òige a chuideachadh le seo.

 

Le bhith a’ cur dealbh a-steach, tha sibh a’ toirt cead do Chomhairle nan Leabhraichean an dealbh a thaisbeanadh air-loidhne agus fhoillseachadh ann an clò ann an diofar chruthan. Thèid ainmean cloinne a ghiorrachadh agus fios mu na sgoiltean a thoirt às airson aithne dhaoine a dhìon, m.e. “le Mairead, P3”, “le Aonghas, P6”.

 

Ma tha ceistean sam bith aig daoine, faodaidh iad fios a chur gu brath@gaelicbooks.org.