Buannaiche: Litir gu Glaschu 2020


Chuir tòrr dhaoine, bho Ghlaschu agus air feadh na dùthcha, a-steach dhan cho-fharpais Litir gu Glaschu. Bha na tagraidhean a’ dèiligeadh le caochladh de chuspairean, bho chafaidhean falamh aig àm a’ Chorona-bhìorais, driop is othail a’ bhaile ron a’ ghlasadh sìos gu sgeulachdan os-nàdarra bho cheàrnaidhean falaichte a’ bhaile. Chuala sinn mu dhaoine leithid oileanaich agus in-imrich a’ tighinn dhan a’ bhaile airson a’ chiad àm, agus air an làimh eile, mu dhaoine nach b’ urrainn tilleadh a bha a’ fuireach fada air falbh bhon dachaigh aca.

Chaidh a’ chiad duais a bhuileachadh air Màiri A NicLeòid – a tha na h-oileanach sa cheathramh bliadhna aig Oilthigh Ghlaschu a’ dèanamh cruinn-eòlas. Thuirt Màiri – a bha na sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu – gun robh i “air mo dhòigh gun do dhrùidh an litir agam air na breitheamhan agus tha mi air mo mhisneachadh a bhith a’ sgrìobhadh barrachd sa Ghàidhlig.”

Chaidh Litir gu Glaschu a chur air bhog ann an 2019 gus tilleadh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail gu Glaschu a chomharradh. Tha Shelagh Chaimbeul a fhuair a’ chiad duais an-uiridh dìreach air an duais airson Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do Chloinn no Òigridh a thogail aig Na Duaisean Litreachais 2020.

Tha Alison Lang (Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean) agus Rona Dhòmhnallach (Oifigear Ealain Ghàidhlig aig Glaschu Beò) ag aontachadh gur e deagh chothrom a tha seo do sgrìobhadairean Gàidhlig, a tha air a chliù a dhaingneachadh am-bliadhna mar pàirt chudromach de phrògram ealain bliadhnail a’ bhaile.