Geàrr-liostaichean nan Duaisean Litreachais 2020

Tha Comhairle nan Leabhraichean air geàrr-liostaichean nan Duaisean Litreachais 2020 fhoillseachadh. Tha duaisean rim faighinn ann an sia roinnean, eadar leabhraichean a chaidh fhoillseachadh bho 1 Cèitean 2019 gu 30 Giblean 2020, agus làmh-sgrìobhainnean nach eil fhathast ann an clò.

Thèid na duaisean a thoirt seachad Diardaoin 17 Sultain 2020 aig 7f, ann an tachartas bhidio a thèid a chraoladh air an t-seanail YouTube againn.

An Leabhar Ficsein as Fheàrr (Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn)
Air an Oir, Iain D. Urchardan (Acair)
Cuibhle an Fhortain, Mòrag Law (Luath Press)
Dà Shamhradh ann an Raineach, Graham Cooper (Luath Press)
An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile, Mòrag Anna NicNèill (Acair) *buadhaiche*

 

An Leabhar Bàrdachd as Fheàrr (Duais Ruaraidh MhicThòmais)
Dàin nan Dùil, Deborah Moffatt (CLÀR)
Nàdar De / Some Kind Of, Pàdraig MacAoidh (Acair)
Cluaintean Uaine, Seòras Moireach agus Dòmhnall MacIllÌosa (Acair) *buadhaiche*
Ceum air Cheum / Step by Step, Crìsdean MacIlleBhàin (Acair)

 

An Leabhar Neo-fhicsein as Fheàrr (Duais Dhòmhnaill Meek)
The Highest Apple / An Ubhal as Àirde, deas. Wilson McLeod & Mìcheal Newton (Francis Boutle) *co-bhuadhaiche*
Eadar Dà Shaoghal / Between Two Worlds, Dòmhnall MacLeòid (Acair)
Seòl mo Bheatha, Dòmhnall Eachann Meek (CLÀR) *co-bhuadhaiche*
Às na Freumhan, Timothy Currie Armstrong (Clò Ostaig)

 

An Leabhar as Fheàrr do Chloinn/Òigridh
Mo Ghranaidh agus an Losgann Mòr, Marie C. NicAmhlaigh, (Acair) *buadhaiche*
Calum agus àirne Mhoire, Flòraidh NicDhòmhnaill (Flòraidh NicDhòmhnaill)
Tintin: Slat-rìoghail Rìgh Ottokar, Hergé, eadar-th. Raghnaid Sandilands (Dalen Ltd)
Tintin: Ciste Chastafiore, Hergé, eadar-th. Raghnaid Sandilands (Dalen Ltd)

 

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do Chloinn/Òigridh
Ailig agus an Dalek Gàidhlig, Shelagh Chaimbeul *buadhaiche*
Cèic airson Màiri, Uilleam Moireach
Donaidh Dathach, Gwen Bowie
’S toigh leam slug salach, Ceitidh Hutton

 

Làmh-sgrìobhainn Neo-fhoillsichte as Fheàrr do dh’Inbhich
Anns a' Chiaradh, Rody Gorman
cruthan , Nathaniel Harrington
Àm nan Aisling Àraid, Robbie A. MacLeòid
Linne Dhomhainn, Alistair Paul *buadhaiche*