Cothrom do sgrìobhadairean stèidhichte

LAS - Ignite – 2021 – ceann-latha dùnaidh 26 an Lùnastal 2020

Tha Duais LAS a’ cur taic ri sgrìobhadair stèidhichte a tha a’ tòiseachadh no ag obair air pròiseact cudromach. Faodaidh tu tagradh air a shon eadar gu bheil am pròiseact aig na h-ìrean as tràithe no a tha mar-thà na obair a’ dol air adhart. Faigh tuilleadh a-mach mu LAS 2021 an seo.

Tha LAS saor an-asgaidh airson tagradh, tha cosgaisean siubhail uile an lùib dealasan a’ phrògraim gan còmhdach agus tha luchd-faighinn dhuaisean air an taghadh le pannal de bhritheamhan.

Gheibh neachd-cosnaidh na duaise: 

  • Prògram sùbailte a fhreagras air feumalachdan fa leth neach-cosnaidh na duaise.
  • Duais airgid de £2,000, a’ ceadachadh dhaibh cuimseachadh air an obair. 
  • Cothroman leasachaidh pearsanta a dh’aon ghnothaich, a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach meantoradh bho sgrìobhadair(ean) eile, comhairle bho phroifeiseantaich agus cothrom bruidhinn ri luchd-ealain eile. 
  • Seisean sgrìobhaidh fad seachdain ann am Mon Itheig còmhla ri Luchdcosnaidh Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra (le ùmhlachd do shuidheachaidhean làithreach).
  • Tachartas ‘taisbeanaidh’ ann am bùth leabhraichean (le ùmhlachd do shuidheachaidhean làithreach).
  • Trèanadh agus taic ann am margaideachd, adhartachadh is meadhanan. 

Bidh sinn ag obair gu dlùth le luchd-faighinn dhuaisean gus an cuideachadh gu com-pàirteachadh sa phrògram cho mòr ’s a ghabhas. Ma bhios feumalachdan ruigsinneachd no bacaidhean sam bith aig tagraichean a bu mhath leotha a chonaltradh ron tagradh, feuch gun cuir sibh post-d gu applications@scottishbooktrust.com

Tha aon chothrom sa phrògram air a ghlèidheadh gu sònraichte do sgrìobhadair ag obair ann an Gàidhlig. Chaidh Duais LAS a leasachadh ann an co-chomhairle le ar Pannal Comhairleachaidh Sgrìobhadairean agus tha i air a chur air dòigh ann an com-pàirteachas le Comhairle nan Leabhraichean