ÙR! Sgoilearachd foillseachaidh 2020-21


 

Sgoilearachd Chomhairle nan Leabhraichean ann an co-bhonn ri Ionad Shruighlea airson Foillseachadh is Conaltradh Eadar-nàiseanta ann an Oilthigh Shruighlea.

 

Sgoilearachd foillseachaidh ann an Gàidhlig na h-Alba airson a’ chùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh, Oilthigh Shruighlea, 2020-21.

 

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus an t-Ionad Foillseachaidh is Conaltraidh Eadar-nàiseanta aig Oilthigh Shruighlea a’ tairgsinn sgoilearachd le cothrom greis-gnìomhachais air a’ chùrsa gnìomhachais MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh ann an Oilthigh Shruighlea, do dh’oileanach a tha fileanta a thaobh labhairt agus sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Alba. 

 

Comhairle nan Leabhraichean

Chaidh a’ Chomhairle a stèidheachadh ann an 1968 agus tha i gu làithreach ri lorg aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa ann an Glaschu le sgioba de chòignear luchd-obrach. Chan e foillsichear a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean. ’S e prìomh ghnothaich na Comhairle:

  • Taic a chur ri leasachadh ann an sgrìobhadh sa Ghàidhlig;
  • Ùidh a bhrosnachadh ann an leabhraichean Gàidhlig agus stuthan co-cheangailte;
  • Taic a thoirt do dh’ùghdaran Gàidhlig le bhith a’ buileachadh dhuaisean agus choimiseanan;
  • Taic a chur ri gnìomhachas foillseachaidh Gàidhlig;
  • Buaidh, gnè agus raon litreachas na Gàidhlig a mheudachadh.

Ionad Shruighlea airson Foillseachadh is Conaltradh Eadar-nàiseanta

http://www.publishing.stir.ac.uk/

Chaidh Ionad Shruighlea airson Foillseachadh is Conaltradh Eadar-nàiseanta a chur air bhonn ann an 1982, agus on uair sin tha an t-Ionad air cliù a chosnadh air feadh an t‑saoghail airson iar-cheuman ann am foillseachadh, gnìomhachdan rannsachaidh agus ceanglaichean le gnìomhachas.  A’ cuimseachadh air foillseachadh leabhraichean, irisean, leabhraichean-latha agus foillseachadh didseatach, tha an t-Ionad a’ trèanadh luchd-foillseachaidh a tha a’ tighinn am bàrr, agus a’ solarachadh chothroman dhaibhsan a tha gu làithreach an sàs sa ghnìomhachas gus an cleachdadh proifeiseanta a nochdadh. Tro rannsachadh, thathas a’ dèanamh mion‑sgrùdadh breithneachail air foillseachadh sa ghnìomhachas bhon àm a dh’fhalbh, an t-àm làithreach agus anns an àm a tha ri teachd.

 

An MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh

http://www.stir.ac.uk/postgraduate/programme-information/prospectus/english/publishing-studies-mlitt/

Tha an cùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh a’ tairgsinn, do cheumnaichean (Graduates) ann an cuspair sam bith, toiseach tòiseachaidh farsaing anns a’ phròiseas foillseachaidh, le cuimse air leabhraichean, irisean is leabhraichean-latha clò-bhuailte. Tha fòcas làidir ann air leasachaidhean ann am meadhanan didseatach an taobh a-staigh co-theacsa eadar-nàiseanta. Tha an cùrsa freagarrach do cheumnaichean a tha an dòchas a dhol a-steach don ghnìomhachas foillseachaidh no do ghnothachas no carthannas sam bith far am bi eòlas foillseachaidh ga sholarachadh, agus do phroifeiseantaich foillseachaidh bho thall thairis a tha a’ sireadh leudachaidh air an cuid eòlais eadar-nàiseanta.

 

Tha am prògram a’ còmhdach na h-obrach air fad a thaobh planadh, deasachadh, toradh, margaideachd agus stiùireadh foillseachaidh. Tha am prògram dealasach a thaobh an cleachdadh foillseachaidh as fheàrr a th’ ann a theagasg, agus mar sin tha susbaint a’ phrògraim air ath-ùrachadh gach bliadhna mar thoradh air na h-atharrachaidhean luath a tha a’ gabhail àite gu minig agus a tha a’ dèanamh cruth-atharrachadh air a’ ghnìomhachas air feadh an t-saoghail. Gu h-àbhaisteach, tha 30-40 oileanaich air a’ phrògram, a bhios a’ tòiseachadh san Damhair agus a’ maireann fad aon bhliadhna sgoilearach. Tha oileanaich bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn a Shruighlea a dh’ionnsachadh mu fhoillseachadh – anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha oileanaich air a bhith againn às an Rìoghachd Aonaichte, Èirinn, Canada, an Fhraing, a’ Ghearmailt, an Eadailt, an Spàinn, an Fhionnlain, an t-Suain, Cìopras, Laitbhe, an Òlaind, Sìona, Iapàn, Casagstan, Taiuan, Taidhlean, Tuircmeanastan agus na Stàitean Aonaichte.

 

Tha ceumnaichean bhon chùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh air a bhith soirbheachail a’ lorg obrach ann an raon eadar-mheasgte de chompanaidhean foillseachaidh air feadh an t-saoghail, le mòran dhiubh a-nis ag obair aig àrd-ìre agus a’ stiùiridh a’ ghnìomhachais foillseachaidh san 21mh linn.

 

Tha am prògram a’ maireann airson aon bhliadhna làn-thìde air a theagasg thairis air dà seimeastar agus tron t-samhradh. Tha am prògram ri fhaotainn cuideachd air bhunait pàirt-ùine thairis air dà bhliadhna. Anns na moidealan cùrsa, tha:

 

            Seimeastar 1

  • Daineamaig (Dynamics) Fhoillseachaidh (Seimeastar 1) (èigneachail) – Tha am moideal seo a’ sgrùdadh diofar earrannan margaid, a’ cur an aithne bun-bheachdan mun ghnothachas foillseachaidh, ionmhas is eile. Tha e cuideachd a’ rannsachadh uallach dhreuchdan agus modhan-obrachaidh ann am foillseachadh, ag uidheamachadh oileanaich leis na sgilean agus leis an eòlas a tha riatanach gus soirbheachadh ann an dreuchd-beatha an lùib foillseachaidh.
  • Cleachdadh ann an Deasachadh agus Cruthachadh Susbaint (Seimeastar 1) (èigneachail): Tha am moideal seo a’ sgrùdadh nam modhan-obrachaidh leis a bheil pròiseactan foillseachaidh (a’ gabhail a-steach leabhraichean, irisean, leabhraichean-‑latha agus stuthan didseatach) air an stèidheachadh.  Tha e a’ gabhail a-steach rannsachadh margaid agus sùil air àidseantan litreachail. Tha e a’ sgrùdadh stiùireadh ùghdaran agus sruth-obrach deasachail, a’ gabhail a-steach sgilean dèanadach ann an stiùireadh phròiseactan agus ann an ullachadh teacsa (clò-dheasachadh agus dearbh-leughadh). 
  • Stiùireadh Margaideachd agus Conaltradh (Seimeastar 1) (èigneachail): Tha am moideal seo a’ toirt a-steach margaideachd agus eisimpleirean foillseachaidh dèanadach gus raon de ro-innleachdan a leasachadh a bhios èifeachdach ann am foillseachadh, an dà chuid tro na meadhanan traidiseanta agus didseatach. Tha am moideal cuideachd a’ rannsachadh na loidhne solarachaidh ann am foillseachadh agus reic èifeachdach.

Seimeastar 2

Ann an Seimeastar a Dhà, bithear a’ taghadh dà mhoideal as na ceithir a leanas:

  • Pròiseact Foillseachaidh (Seimeastaran 2) Bidh gach oileanach ag ullachadh pròiseact foillseachaidh (sampall de leabhar, iris no foillseachadh didseatach), teacsa thùsail is ìomhaighean agus an uair sin ga dhealbhadh ’s ga thoirt gu buil.  Còmhla ris a’ phròiseact, tha mion-sgrùdadh ga dhèanamh air na cùisean a tha a’ tighinn am bàrr na cruthachadh. Tha an obair a’ faotainn taic bho bhùithtean-obrach IT air foillseachadh agus ‘software design’ (a’ gabhail a-steach InDesign, Photoshop, Acrobat agus cruthachadh EPubs). A thuilleadh air an sin, a’ cleachdadh nan sgilean a thog iad ann am Margaideachd, Stiùireadh agus Conaltradh, tha oileanaich a’ cur air dòigh plana margaideachd le stuthan na chois, mar ro-innleachd follaiseachaidh ciallach agus ùr-ghnàthach airson na pròiseict foillseachaidh aca.
  • Sgilean Trèanaidh airson Foillseachadh (Seimeastar 2): Tha am moideal seo a’ neartachadh sgilean fastaidheil oileanaich, meadhanan sòisealta proifeiseanta, sgilean sgrìobhaidh is deasachaidh air-loidhne agus modhan rannsachaidh.
  • Didseatach: Modh-obrachaidh agus Toradh (Seimeastar 2): Tha am moideal roghainneil seo a’ toirt comas do dh’oileanaich sgilean, tuigse agus liut air foillseachadh didseatach a leasachadh, a mhodhan-obrachaidh agus a thoraidhean,  a’ gabhail a-steach cur ri chèile geàrr-iomraidhean didseatach, ag ath-sgrùdadh ’s a’ luachadh thoraidhean didseatach, stiùireadh air meadhanan sòisealta agus còraichean didseatach, tuigse do mhoidealan e-gnothachas agus don eaconamaidh dhidseatach agus eagrachadh air cùisean anailis, prìomh-fhacail, SEO, meatadàta agus XML.
  • Foillseachadh, Litreachas agus Comann-sòisealta (Seimeastar 2): Tha am moideal roghainneil seo a’ dèanamh sgrùdadh air an eadar-obrachadh eadar foillseachadh co-aimsireil is eachdraidheil agus a’ chomann-shòisealta, a’ coimhead ri cuspairean co-cheangailte ri ùghdarachd, luchd-leughaidh agus a’ mhargaid litreachail, caisgireachd, foillseachadh aig àm a’ chogaidh, agus foillseachadh is iomadachd.

A bharrachd air a seo, feumaidh an oileanach tràchdas a dhèanamh:

  • Tràchdas Foillseachaidh (samhradh) (èigneachail): Is e pìos rannsachaidh a tha seo mu chuspair ded roghainn fhèin a tha ceangailte ri foillseachadh agus air aontachadh le Stiùiriche a’ Phrògraim. Bidh an obair ga coileanadh thairis air an dà seimeastar agus a-steach don t-samhradh.

Airson sgoilearachd Chomhairle nan Leabhraichean, thathar ag iarraidh gum bi pàirt ann an Gàidhlig aig an oileanach shoirbheachail air a chur don mhoideal air Pròiseact Foillseachaidh, am moideal air Foillseachadh san Àite-obrach a ghabhail os làimh (faic tuilleadh fiosrachaidh anns na ‘Greisean Gnìomhachais’  gu h-ìosal) agus cuimse a bhith air a’ Ghàidhlig san Tràchdas, a bhithear ag aontachadh ro-làimh le Comhairle nan Leabhraichean.

 

Sgrìobh a’ chiad neach a ghlèidh sgoilearachd cunntas an seo air na rinn e air a’ phrògram: http://www.publishing.stir.ac.uk/gaelic-books-council-scholarship-report-liam-crouse/ .

 

Greisean Gnìomhachais

Bidh an t-oileanach soirbheachail a’ gabhail a’ mhoideal air Foillseachadh san Àite-obrach os làimh ann an Seimeastar 2. Cuidichidh Comhairle nan Leabhraichean le greis-gnìomhachais iomchaidh a chur air dòigh le foillsichear(an) Gàidhlig, neo foillsichear(an) le ceangail ris a’ Ghàidhlig. Tha foillsichearan Gàidhlig na h‑Alba stèidhichte air feadh Alba agus feumaidh an t‑oileanach soirbheachail a bhith deònach siubhal agus a bhith suidhichte leis an fhoillsichear a chaidh aontachadh (mur a bi suidheachadh COVID-19 a’ bualadh air gnothaichean: gabhaidh gnothaichean dèanamh aig an taigh, ma thachras sin).

 

Bidh an duais sgoilearachd a’ còmhdach cosgaisean reusanta siubhail is cuid-oidhche uile, dom bithear buailteach ann an siubhal gu àiteachan greis-gnìomhachais. Thèid am pàigheadh tro Oilthigh Shruighlea.

 

Maoineachadh

Tha an sgoilearachd maoinichte le Comhairle nan Leabhraichean agus Oilthigh Shruighlea.  Tha an sgoilearachd a’ còmhdach cìsean cùrsa Dachaigh de £7000, agus a’ tairgsinn maoineachadh a bharrachd de £1700 airson cosgaisean siubhail is cuid-oidhche.

Bidh am maoineachadh airson siubhal is cuid-oidhche air a phàigheadh aig toiseach  Ràithe 1 agus Ràithe 2 ann an co-rèir ri aithisg fhreagarrach co-cheangailte ri làthaireachd agus gnìomh an oileanaich shoirbheachail. Bithear a’ dùileachadh don oileanach coinneachadh gu cunbhalach ri Stiùiriche a’ Phrògraim agus Comhairle nan Leabhraichean airson deasbad mu adhartas. 

 

Tagraidhean

Tha trì ìrean an lùib an tagraidh: 

  1. Cuir làn-tagradh a-steach (a’ gabhail a-steach aithris phearsanta agus aon teisteanas) airson àite air a’ chùrsa MLitt ann am Foghlam Foillseachaidh tron Oifis Clàraidh aig Oilthigh Shruighlea. Tha mion-fhiosrachadh mun dòigh air tagradh a dhèanamh ri fhaotainn an seo: http://www.stir.ac.uk/postgraduate/how-to-apply/.  Ceann-latha deireannach: Dihaoine 31 Iuchar 2020.
  2. Cuir ann an cruth pdf gu fahgs@stir.ac.uk agus aithris phearsanta (‘personal statement’) a bharrachd ann an Gàidhlig  (gun bharrachd na 1500 facal), a’ toirt seachad mion-fhiosrachadh air

a) mar a gheibheadh tu buannachd às an sgoilearachd nad dhreuchd-beatha agus

b) dè tha thu a’ faicinn cudromach agus dè na cothroman ann am foillseachadh Gàidhlig.  Feuch gun cuir thu d’ ainm air an sgrìobhainn sa phost-d agad. Cleachd ‘Comhairle nan Leabhraichean’ mar an cuspair san tiotal. Ceann-latha deireannach: Dihaoine 31 Iuchar 2020.

 

Gheibh tagraichean air a’ gheàrr-liosta cuireadh gu agallamh  air Diciadain 19 Lùnastal. Bidh pàirt den agallamh anns a’ Ghàidhlig.  

 

Ceistean

Bu chòir ceistean sam bith mun sgoilearachd a bhith air an cur gu frances.sessford@stir.ac.uk