Bàrdachd bho Dhuais Dhòmhnaill Meek 2019

Bho thoiseach sgapadh a’ Choronabhìorais, tha a’ mhòr-chuid dhuinn air tionndadh gu teicneòlas airson cumail suas le teaghlach agus caraidean. An seo aig Comhairle nan Leabhraichean, tha sinn cleachdte ri bhith a’ cleachdadh teicneòlas airson daoine a thoirt nas fhaisge ri chèile. Air oidhche Dhuais Dhòmhnaill Meek san t-Sultain 2019, cha b’ urrainn do dhithis sgrìobhadair a bha air a’ gheàrr-liosta a bhith an làthair. Mar sin, dh’iarr sinn orra bhidiothan dhiubh fhèin a chlàradh a’ leughadh nan dàn aca. Sheall sinn na bhidiothan air an oidhche agus chòrd iad gu mòr ris an luchd-èisteachd. Seo dhuibh an dà bhidio ma-tà, ‘Itealachd’ le Sgàire Uallas agus ‘Hirundo Rustica’ le Iain Urchardan, a bhuannaich an Duais leis a’ chruinneachadh aige, Turas. Ar taing dha na bàird airson cead a thoirt dhuinn na bhidiothan a shealltainn dhuibh.

 

‘Hirundo Rustica’ by Iain Urchardan

 

Sheall mi suas an-diugh le spèis,
fo chuireadh cheileir àghmhor;
’s cò bha bìogail rium air sgèith
ach gòbhlan-gaoithe àlainn?

Deàlradh dubh-ghorm air a dhruim,
lainnir loinnreach mar bhogh’-frois.
’N geal as gile – dath a chuim,
Amhaich ruadh, ’s gun ghuth air chois.

Gob geàrr leathann ’s sùilean geur
a’ sireadh creich an là sin;
forc ga stiùireadh – earball fhèin,
ro-dheis nam feumar tàrrsainn.

A Phàirc nan Laoch sheòl e nuas
gu troigh os cionn an fheòir ann,
mar spàl gun tàmh, sìos is suas
’s an t-acras mòr na threòir dha.

Tumadh ’s tulgadh, is lùth-chleas
air tòir a lòin, le làn-dhèidh,
Sear is siar, tuath is deas;
gun fhois, gun stad – gun do ghlèidh!

Caol is lùthmhor, a dhà sgèith,
Luath is làidir breab an greas!
’S feumar sin nuair nì e leum
sìos a dh’Afraca mu Dheas.

M’ eudail ort, a’ chreutair bhig,
ghath-grèin dheàlraich dha mo chridh’;
Gheibh thu m’ fhàilt’ gach uair a thig.
Thùis an t-samhraidh – feuch gun till!

 

‘Itealachd’ by Sgàire Uallas

 

Caisleadh chasagan san adhar
a' cur ghèiltean cama feadh nan neul;
is iolair ciùin air ite.

Carbad-teine a-nuas a' fadadh
ghrianan 's dhubharan le gluasad speur;
is iolair dlùth ri grian.

Caochlaideachd shealladh dubha is geala
a' priob-mhaistreadh guirme nèimh;
is iolair stiùireadh sgiath.

I freagairt gu h-ealamh ri uchd a' chatha
ag ath-nuadhachadh a h-òige fhèin;
's i iolair ùr air ite,
's i iolair stiùireadh sgiath
's i iolair dlùth ri grian,
's i iolair ciùin air ite.

'S tha mise 's mo chasan air thalamh
slaodte an clàbar breòthte breun;
is mo shùilean an dùil ri iomaghaoith.