Sreath de Bhàrdachd Ùr

 

’S e fear de na tachartasan a bha againn ri cur dheth air sgàth COVID-19 tachartas bàrdachd Ghàidhlig aig Fèis Crossways 2020 ann an Glaschu sa Chèitean. Na àite tha sinn air bàrdachd ùr a coimiseanadh bho na bàird, agus bidh sinn ga sgaoileadh tro na meadhanan sòisealta againn rè na seachdain 6 – 10 Giblean 2020.
 

Bidh cuid de na dàin a’ coimhead air na h-atharraichean a thàinig air an dùthaich ri linn a’ bhìorais. Bidh cuid eile ga sheachnadh gu tur, a’ meòrachadh air cuspairean nas aotruime. Tha sinn an dòchas, le bhith a’ leughadh nan dàn seo, nach bi daoine a’ faireachdainn cho iomallach agus gum faigh iad faochadh agus fiù ’s gàire bhuapa cuideachd. Ar mìle taing dha na bàird againn airson an obair aca a sgrìobhadh agus a chlàradh.

A’ Phucaid le Aonghas Pàdraig Caimbuel

 

 

Fhuair mi an t-seann phucaid tiona an-diugh
Aig bonn a’ ghàrraidh,
Agus spaid gun chas ri taobh.

Dh’inns i dhomh mun uisge
Thug sinn dhachaigh on abhainn
Rinn nighe is còcaireachd.

Agus chuala mi an ceàrd a’ feàdarachd
Ag ùrachadh gach samhradh
Le sìosar is òrd.

Agus thog mi phucaid
Agus an spaid bhriste
Agus chladhaich mi.

Chuir mi am buntata,
Agus a-nise, dìreach mar Oor Wullie,
Suidhe mi seo, a’ coimhead orra a’ fàs.

 

Dà-Chòmhla – Thig Charon a’ Shuirighe le Sandaidh NicDhòmhnaill Jones

 

 

I Tràth Teachdail Làthaireach
Anail anfhann -
an tràth teachdail: teann, tinn, anfhoiseil
an tràth làthaireach: na làithean seo so-leònte, breòig
’s an tràth caithte: nach caillte, ach sìor fhàs nas prìseile.
Mair! Meal an tiodhlac-tìde
le meadh do bheatha gun-fhiosta dhut.

Ach ciamar a chuireas sinn
luach air tabhartas-tìde
nach eil againn ach air iasad,
is gun là-dhìolaidh?
Dè fiach an seilbh againn
nach buineas dhuinn?

Tìde a dhiogas seachad
sa ruithim reachdail,
ach ann an diogan nach eil
co-leithid no cothromach do chàch,
ach a’ gliogadaich le luaths coigreach
don fheadhainn chuimsichte
le saighead-neimh-galair,
’s nach fhaigh an uimhir-ùine
riaraichte.

 

II Cridhe Anfhoiseil
Mo bhuille-cridhe socair;
trì fichead diog sa mhionaid -
’s e mo dheimhinn uaireadair
an gleoc fìor-phuncail,
gloine-gainmhich nam chliabh.

Cò theireadh, an tig rabhadh
gun lagaich an ruithim – sòradh beag -
mus sguir i de dhiogadh:
daoirse-buille
gainne-anail,
dìth-tìde,
tàmh oillteil san tràth teachdail.

Nach e cùis mo mhùirn
cho anfhoiseil sa tha
mo chridhe fhathast,
san tràth làthaireach
so-leònte seo.

 

Am Fiabhras le Maoilios Caimbeul

“Bha mi a’ smaoineachadh air na diofar sheòrsachan fhiabhrasan a th’ ann agus a’ bhuaidh a th’ aig na fiabhrasan sin air an t-saoghal, me, fiabhras siubhail agus fiabhras caitheimh. Ach cuideachd, ’s dòcha gu bheil dòchas am measg an fhiabhrais.”

 

 

Tha am fiabhras seachad, 
chan e samhradh mar a b’ àbhaist a th’ ann, 
na rathaidean falamh, 
cha chluinn sinn ach na h-eòin os ar cionn. 

Tha fois aig an t-saoghal, 
e leigeil anail air a shocair a-mach; 
tha fois aig an talamh, 
e ga ùrachadh fhèin bhon a’ chreich. 

Tha am fiabhras seachad, 
am fuain is a’ ghleadhraich air sgur; 
tha sìth anns a’ ghaoith 
’s na rothan air sgur a chur car. 

Am mìr beag nimheil 
neo-fhaicsinneach brùideil a’ sgrios; 
tha faochadh aig talamh 
is doilgheas aig muinntir an fhios. 

Ach thig coibhneas san fhuachd, 
blàths ann am meadhan a’ bhròin, 
daoin’ a’ tionndadh ri chèile 
gu carthannach, blàth-chridheach còir. 

Criomag dòchais sa ghaoith, 
aiteal gorm ann am briseadh nan neul, 
dòigh ùr a bhith beò 
far am bi gràdh is bràithreachd is ciall. 

 

Gràdh an Àm a’ Choròna-bhìorais le Sgàire Uallas

 

 

Bha a làmhan gu dripeil bho riamh.

Mo sheanmhair ‘s i nigheadh gu sèimh mi
san aon mhèis ris na soithichean,
gam mhion-siabadh gu spèiseil
gus am bithinn gu glè-gheal glan mòthar
is mo ghleans mar am pòrsalan fhèin.

Is lethchuid na bliadhna bha corragan
ag obair gach ealaine fhreagradh da bois;
‘s i chumadh ‘s a ghearradh de rolachan
pidseamaichean dotagach cluth
gus ar suaineadh air oidhche na Nollaig.

B’ i b’ fhìnealta bhearradh mo ghruaige
‘s i ri suathadh gu gràdhmhor mo lethchinn,
‘s an àm dealachaidh pògagan luatha
air mo ghruaidhean is mi ann a caidreabh;
gum bu leisg i gu leigeil dol bhuaip.

An-diugh ‘s ann nach fhairich a làmhan
ach sgàileanan fionnara staoin,
bheir sealladh ro-shiubhlach de chàirdean,
is snàthaidean geura gan caitheamh
‘s i leotha ri figheadh a gràidh-se –
gun tàmh ann am fuaigheal nam masg.

 

Aig an àm seo le Angus Peter Caimbeul

 

 

Aig àm cur an t-sìl
Chualas fuaim on tuath.

Cha b’e buileach gaoth, no fairge,
Ach na fir bhàna len claidheamhan.

Aig àm togail a’ bhuntata
Nochd iad nan èididhean grinn

’S nuair chrath na balaich an làmhan
Dè bh’ac’ ach tastan an rìgh.

Aig àm an t-sneachda mhòir
Thàinig fear air each le teine.

Agus aig àm eile
Thàinig am post le mìle telegram.

Aig àm a’ ghalair mhòir
Chaidh iarraidh oirnn ar coimhearsnachd a ghràdhachadh

Gus am bris an là,
Agus an teich na sgàilean.

 

An Suidheachadh le Beth Frieden 

“Nuair a bha mi a’ sgrìobhadh an dàin seo, bha mi a’ cnùsachadh air na h-abairtean a bhios ga chleachdadh sna meadhanan airson bruidhinn mun cuairt air corona-bhìorus, agus mu dheidhinn an lionn a bhios a' lìonadh sgamhain leis an galar.”

 

 

sna làithean seo nuair a bhios seo seachad
aig a’ cheann thall air an taobh eile
air an làimh eile

dorsan a’ dùnadh slighean
a’ fosgladh sùilean a’ fosgladh

daoine a’ siubhal daoine air sgur
a shiubhal cofhurtachd ann an
àireamhan uabhas ann an àireamhan

nar bàtaichean gloinne a’ smèideadh
an t-astar eadarainn a’ sìneadh

cianalas tuainealas
faochadh taomadh
lìonadh tràghadh falamh falbh

muir-làn ro làn a’ feitheamh air muir-tràigh
naidheachd bhon taigh ann an làithean na plàigh 

 

Òran mun Bhìoras le Liam Alastair Crouse

 

 

Tha tùs an earraich tlàth againn 
‘S a tha blàths a’ tighinn nar cuairt 
Tha sìneadh ann an solas latha 
Bu chòir dhuinn bhith gun ghruaim 
Ach feadh na tìr’ tha bhìoras seo 
A’ lìon-sgapadh cho luath 
A’ fàgail dìth na companachd 
Mar bhochdainn air an t-sluagh.

Ri linn cho gàbhaidh gabhaltach 
Tha ’n galar seo mar nàmh 
Bha fios le cinnt gun èiricheadh 
Cùis-èiginn ann gun dàil 
Cha robh dol-às aig Prìomhaire 
Mac Iain is e ’g ràdh: 
“’S ann aig an taigh, dèan fuireach sibh,
Gur cumail fhèin bho chàch.”

Chaidh casg a chur air cruinneachadh 
A thuilleadh air an dith’st 
Air nàbaidh chòir cha tèid thu ann 
Air chèilidh air an tì, 
Chan fhaod thu dhol nan làthair-san 
’S gum fàs sibh uile tinn 
Cha chluinn an-diugh ach “Zoom a-nochd?”
O Lunnainn gu Port-Rìgh.

Leam a b’ fhèarr toirt ceum san iar 
Fo speuran fosgailt’ grinn 
Le eòin an t-slèibh’ a’ cèilearadh 
Air rèidhlean machair binn 
Na bric tha tàmh aig bòrd an loch 
Air an tòir a rachainn fhìn 
Seach sin tha mise glaist’ a-staigh 
San taigh agam fad mìos.

Cha bheag an aimhreit tha san tìr 
O thàinig i nar còir 
An dearg choròna-bhìoras seo 
Dh’fhàg dìth oirnn cho mòr 
Na mìltean chaill an obraichean 
’S air fòrladh tha an còrr 
’S gun idir sìon cho riatanach 
Ri siabainn is loo-roll. 

Ach son a bhith gu fìrinneach 
Mun bhìoras tha gun diù 
Tha mise beò am fàrdach blàth 
Le cabar os mo chionn 
Tha mòran ann gun chompanaich 
Air chothrom cleachdadh Zoom 
Tha mòran ann bhios aonranach 
Caoidh caraid agus rùin.

Tha mòran nach eil fallainn air 
am bagairt seo gun spèis. 
Tha mòran ann gun slàinteachas 
Gun tagsa no gun stèidh 
Air feadh an t-saoghail dèan smaoineachadh
Liuthad dhaoine ann an èis 
An àireamh sin thar chunntais i 
Cuir ùrnaigh às an dèidh. 

 

An Cruth-atharrachaidh le Eòghan Stiùbhart

“Sgrìobh mi seo thairis air mios eadar dà chuairt air Creag Phàdraig os cionn Inbhir Nis. Tha e a’ tarraing o dà sgrìobhadair as toil leam, Naomh Mata agus Niall Guinneach”

 

 

Thill mi a-raoir dhan dearbh àite 
cha robh sgeul air sgòth no sgàil  
sa chiaradh air a’ bheinn àird 
no an cruth-atharrachaidh a thàinig 
an latha sin sa choille chraobhaich 
nuair a bha an aona-ghaoth a’ taomadh
a’ toirt oirre an dealbh-chaochlaidh 
’s i a’ cur a’ chuain uimpe mar aodach
shèid na geugan nan suailean 
gach meur mar bhàrr-thonn a’ bualadh
salm na mara on ataireachd uaine
biorach binn buan na mo chluasan 
’s mi a’ siubhal slighe chumhang chaol
tro ghiùthsach làn danns’ an t-saoghail
ach a-raoir air a’ bheinn naoimh 
bha cruth eile air clàr a h-aodainn 
a’ choille a-rithist na coille cheart 
na beithean ciùin a’ deàlradh ro gheal 
’s mi gabhail tlachd am feàth an fheasgair
mus do dh’èirich mi mar Pheadar gun eagal
a’ mhuir ga cur dhan dara taobh 
air sgàth ’s gum faca mi an saoghal eile
dearbhte mar a bhiodh e a-chaoidh 
le gràdh beò dearg na craoibhe 

 

Tuaran le Marcas Mac an Tuairneir"

“'S i neach-ealain ann an Inbhir Nis a dheachd sgrìobhadh an dàin seo. Bana-charaid a tha air togail slighe ùr na beatha, fhad 's a tha an saoghal gu lèir bun-os-cionn.”

 

Dhutsa dheth,
chan e peantadh thar nan ròcan
a tha seo,

Ach ùrachadh.
Tàladh tuaran an t-saoghail a-muigh,
a-staigh, gus an àrainneachd
a co-shìneadh ris an taigh.

Mar sin, tha aon bhalla liath-uaine,
sèimh is ùrar
mar dhuilleagan driùchd do ghàrraidh
's do dhà bhòtann o cèile,
nad sheasamh anns an fheur.

Tilgidh thu bàl thuca is
tillidh na coin thugad e,
gu dìleas, ged as diofraichte
an slighean air ais, an cluasan
ri plaightrigeadh sa ghaoith.

Tha balla eile glas-ghorm,
mar chlàr sglèatach is
na clachan eile rim faicinn,
fad asad, sna beanntan.

Togaidh thu do cheann gus
meòmhrachadh am mòrachd.
'S iad a bha ann, o chionn
tùs na tìm - stòlda is maireannach

Agus nan gealladh dhut.
Astar cian ri dhol, ach am bealach
fosgailte dhut, nan cumadh tu
do cheuman dìreach, chosnadh tu
am bàrr le do shearragan.

'S e am balla mu dheireadh a tha liath,
tuaran ciùin mara, aig ciaradh,
ataireachd is sìocladh nan tonnan,
ann an Linne Mhoireibh

Agus 's iad a stiùireas thu
do chala do thùs, is dòcha,
mas Linne Fhoirthe do rùn.
Sin a tha ri chnuasachadh.

Ach, eadar sin is seo,
Le èirigh an ròlair is
tùirling a' pheant,
nad inntinn, nì thu cothromachadh
gach rud a bha, gach rud a bhios,
gus sealbh an taighe a thoirt air ais
dhut fhèin.