NA DUAISEAN LITREACHAIS 2020

 

NA DUAISEAN LITREACHAIS 2020

Ri linn COVID-19, tha bùth agus oifisean Chomhairle nan Leabhraichean a-nis dùinte. Dh’iarramaid air foillsichear no sgrìobhadair sam bith a tha am beachd tagradh a chur a-steach gu Na Duaisean Litreachais 2020 clàr-iarrtais fa leth airson gach tagradh a chur air post-d gu Alison Lang alison@gaelicbooks.org air thoiseach air 1 Cèitean 2020. Chan eil e comasach dhuinn gabhail ri na leabhraichean fhèin an-dràsta ach cuiridh sinn brath chun nan tagraichean uile às dèidh a’ chinn-latha.

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ sireadh thagraidhean airson nan Duaisean Litreachais 2020.

Tha fàilte air tagraidhean bho fhoillsichearan no sgrìobhadairean airson leabhraichean Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2019 agus 30 Giblean 2020 ann an ceithir roinnean – ficsean, neo-fhicsean, bàrdachd agus leabhraichean cloinne. Tha duaisean fa leth ann airson sgrìobhadh neo-fhoillsichte do chloinn no inbhich.

Às dèidh deich bliadhna dhen fharpais airson Duais Dhòmhnaill Meek, stèidhichte ann an 2010 le taic-airgid bho Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig airson sgrìobhadh ùr a bhrosnachadh agus taic a chumail ri sgrìobhadairean ùra agus stèidhichte, tha Na Duaisean Litreachais ag aithneachadh mar a tha foillseachadh sa Ghàidhlig air atharrachadh san ùine sin, agus tha iad ag amas air duaisean a bhuileachadh air na leabhraichean as fheàrr ann an diofar ghnèithean-litreachais.

Bidh Duais Dhòmhnaill Meek, airson an leabhair neo-fhicsein as fheàrr a chaidh fhoillseachadh sa bhliadhna a dh’fhalbh, am measg nan diofar dhuaisean a bhios rim faighinn san fharpais am-bliadhna. Bidh duais ùr ann airson leabhar bàrdachd, mar chuimhneachan air Ruaraidh MacThòmais, ciad Chathraiche air Comhairle nan Leabhraichean, agus duais airson an leabhair fhicsein as fheàrr le taic bho Chomann Gàidhealach Lunnainn. Bidh cothrom ann cuideachd airson ùghdar an làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte as fheàrr do chloinn cùmhnant foillseachaidh fhaighinn le Acair.

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean:

“An ath-bhliadhna bidh sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Ruaraidh MacThòmais, agus shaoil sinn gum biodh e iomchaidh duais ùr airson leabhar bàrdachd a chruthachadh mar chuimhneachan air. Tha sinn toilichte gu bheil Dòmhnall Meek, a tha na charaid thaiceil do Chomhairle nan Leabhraichean, deònach gum bi an duais aigesan am measg nan duaisean ùra a bhios rim faighinn am-bliadhna, agus tha sinn taingeil gu bheil Acair deònach a bhith ag obair còmhla ri sgrìobhadair an leabhair chloinne neo-fhoillsichte as fheàrr. Le bhith a’ tabhann dhuaisean airson leabhraichean a tha ann an clò mar-thà agus feadhainn a tha fhathast gun fhoillseachadh, tha sinn an dòchas gum bi cothrom ann a bhith a’ toirt urram do na leabhraichean Gàidhlig as fheàrr a chaidh fhoillseachadh sa bhliadhna a dh’fhalbh, agus cuideachd a bhith a’ brosnachadh sgrìobhadh ùr, gu h-àraid sna gnèithean-litreachais far a bheil leasachadh a dhìth, agus tha sinn an dòchas gun gabh sgrìobhadairean agus foillsichearan ris a’ chothrom seo an obair aca a chur air adhart.”

Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek 2019 a bhuileachadh air Iain Urchardan airson a’ chruinneachaidh bhàrdachd aige, Turas, fhuair Maoilios Caimbeul an dàrna duais airson Gràs agus fhuair Mòrag Anna NicNèill an treas duais airson Artair sa Chaisteal. Thèid Na Duaisean Litreachais 2020 a thoirt seachad air 17 Sultain aig Taigh-cluiche Cottiers, Glaschu, sna roinnean a leanas:

Leabhraichean foillsichte:

Ficsean (Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn), Neo-fhicsean (Duais Dhòmhnaill Meek), Bàrdachd (Duais Ruaraidh MhicThòmais), Leabhraichean do chloinn no òigridh

Làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte:

Leabhraichean do chloinn no òigridh, Leabhraichean do dh’inbhich

Mus cuir iad tagradh a-steach, bu chòir do thagraichean na riaghailtean a leughadh. Thèid na geàrr-liostaichean fhoillseachadh san Lùnastal 2020.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Na Duaisean Litreachais 2020 air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean no cuirear brath gu Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean. Feumaidh tagraidhean a bhith a‑staigh ro 5.00f air Dihaoine 1 Cèitean 2020.