Support for established Gaelic authors

Cothrom - LAS/IGNITE 2020

Cothrom do sgrìobhadairean stèidhichte

 

Tha LAS/Ignite 2020 fosgailte do thagraidhean.   Is e an ceann-là airson thagraidhean Diciadain 6 Samhain 2019.

 

Tha LAS ag aithneachadh obair sgrìobhadairean stèidhichte agus a’ tabhann dhaibh taic shònraichte agus maoineachadh gus am faigh iad ùine agus àite sgrìobhadh a dhèanamh.

 

Tha trì duaisean ann agus tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag obair ann an compàirteachas le Comhairle nan Leabhraichean, a bhios a’ maoineachadh aon duais gu sònraichte airson sgrìobhadair stèidhichte a tha ag obair sa Ghàidhlig. 

 

Tha Companas Las/Ignite a’ tabhann prògram subailte a tha freagairt air feumalachdan an neach a thèid a thaghadh airson duais.

 

Gheibh an neach soirbheachail bursaraidh £2,000 agus taic cruthachail sònraichte a rèir feumalachdan.  Mairidh an companas aon bhliadhna, bhon Dùbhlachd 2019 don Dùbhlachd 2020.

 

Tha na Companaich Las/Ignite a fhuair an duais sa chiad bhliadhna air an duais a chleachdadh airson aire a chur air pròiseactan eadar-dhealaichte. Tha Annie George a’ leasachadh is ag ullachadh dealbh-chluiche còmhla ri a neach-treòrachaidh, an riochdaire Alby James. Tha Marjorie Lotfi Gill ag obair air ciad dhreachd den phròiseact aice a’ coimhead air in-ghabhail gu cultar ùr. Tha an companach Gàidhlig, Ruairidh MacIlleathain, air a bhith ag obair còmhla ri a neach-treòrachaidh Seòras Mac a’ Phearsain airson cruth ùr a chur air sgeulachdan na Fèinne à dualchas na Gàidhlig.

 

Thathas a’ brosnachadh sgrìobhadairean a tha stèidhichte ann an Alba a bhith a’ cur a-steach airson Companas Las/Ignite. Feumaidh tagraidhean a bhith a’ coilionadh criteria stòr-data “Live Literature” Urras Leabhraichean na h-Alba, ged nach fheum iad a bhith clàraichte air an stòr-data airson cur a-steach. Thathas a’ cur fàilte air tagraidhean bho sgrìobhadairean, daoine a bhios a’ dèanamh comaigs, bàird, dealbhadairean, seanachaidhean, dràmadairean agus luchd-ealain facal-labhairt.

 

Bheir Companas Las/Ignite taic do sgrìobhadairean a tha a’ tòiseachadh air pròiseact sònraichte, leithid nobhail, bàrdachd, dealbhan-cluiche, sgrìn neo sgriobtaichean rèidio. Airson cur a-steach, feumaidh pròiseact a bhith aig sgrìobhadairean air a bheil obair fhathast a dhìth. Dh’fhaodadh am pròiseact a bhith aig ìre thràth de leasachadh –  mar bheachd-smuain, geàrr-iomradh, no obair a tha sa bheairt.

 

Thuirt Ruairidh MacIlleathain, Companach LAS Gàidhlig 2019: "Ged a tha am pròiseact Las agam iomadh-fhillte, is e a’ phàirt as motha a tha a’ còrdadh rium an obair leis an neach-treòrachaidh agam, Seòras Mac a’ Phearsain, a tha air cuid de na sgeulachdan traidiseanta aige innse dhomh, is e toilichte gum bi mi gan cur air ais don chànan às an tàinig iad – a’ Ghàidhlig. Is e urram agus tlachd a th’ ann gun d’ fhuair mi cothrom a bhith ag obair còmhla ri Seòras. Dh’fhosgail Companas Las doras dhomh gu saoghal sònraichte, as urrainn dhomh a-nis taisbeanadh do dhaoine eile. Is e cothrom a th’ ann a bhith ag

Thèid tagraidhean Gàidhlig LAS 2020 a mheasadh le Comhairle nan Leabhraichean.

 

Gheibh na Companaich:

  • Bursaraidh £2,000
  • Taic chruthachail shònraichte a rèir am feumalachdan

A bharrachd air an taic chruthachail shònraichte bidh na cothroman seo rim faighinn:

  • Seachdain sgrìobhaidh aig Moniack Mhòr (còmhla ri sgrìobhadairean bhon sgeama Duais nan Sgrìobhadairean Ùra)
  • Trèanadh air meadhanan, PR, meadhanan sòisealta, agus taisbeanadh air an àrd-ùrlar
  • Tachartas taisbeanaidh (ri chur air dòigh le cuid a sgrìobhadairean)
  • Cothroman conaltraidh le lionraidhean
  • Taic reusanta eile (a thaobh margaidheachd, sanasachadh gus meadhanan) mar a dh’èireas feum
  • Cosgaisean siubhail reusanta airson a bhith an sàs ann an tachartasan co-cheangailte air a’ phrògram

Airson cur a-steach airson Companas Las/Ignite, tadhail air:

 

https://www.scottishbooktrust.com/writing-and-authors/ignite-fellowship

 

Is e an ceann-là airson thagraidhean Diciadain 6 Samhain 2019 aig meadhan-latha.

 

Ma tha ceistean sònraichte agad mun tagradh no a bheil an sgeama seo freagarrach dhut, cuir fios gu:

applications@scottishbooktrust.com

 

 

 

 

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: