Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2022 - Fosgailte!

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2022, com-pàirteachas eadar Comhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba, a-nis fosgailte do thagraidhean. Thathar a’ sireadh dithis sgrìobhadair ùr airson pàirt a ghabhail ann am prògram stiùiridh a bheir dhaibh taic agus brosnachadh airson an cuid sgrìobhaidh a leasachadh gu ìre proifeiseanta.

Air thoiseach air an 13mh bliadhna dhen cho-obrachadh shoirbheachail seo, thathar a’ cur fàilte air tagraidhean bho sgrìobhadairean nach eil air a bhith am follais gu ruige seo, ach a tha deiseil airson an ath cheum a ghabhail le an cuid obrach. Am measg na ghabh pàirt ann an Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra gu ruige seo tha na h-ùghdaran Mòrag Anna NicNèill, Niall O’Gallagher agus Calum L. MacLeòid. ’S e sgrìobhadair eile a fhuair taic tron sgeama, Alistair Paul, a choisinn duais airson an làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte as fheàrr aig Na Duaisean Litreachais 2021 airson Linne Dhomhain, a’ chiad cruinneachadh leis de sgeulachdan goirid.

Tha an clàr-iarrtais agus tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn an seo. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 12.00f air Diciadain 14 Iuchar 2020.

 

Chaidh seo ùrachadh air 12 Cèitean 2021.