Innis dhuinn am facal Gàidhlig as fheàrr leat!

Innis dhuinn am facal Gàidhlig as fheàrr leat!

Tha sinne aig Comhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba airson faighinn a-mach dè am facal Gàidhlig as fheàrr le daoine.

Mar sin, eadar seo is 18 Dàmhair, fhad ’s a tha Fèis Leabhraichean Baile na h-Ùige agus am Mòd a’ dol, bidh sinn ag iarraidh air daoine na faclan as fheàrr leotha a mholadh. Thèid geàrr-liosta de 10 fhaclan a thaghadh le panal de bhritheamhan mus bi daoine a’ bhòtadh airson nam faclan a tha a’ còrdadh riutha as motha.

Rach an sàs sa chomhradh: thèid gu Twitter gus am facal agad a mholadh. Cuimhnich a bhith a’ cleachdadh #facal gus am bi am facal agad a’ cunntadh.

Ged a bhiodh am facal aosta no ùr, cumanta no neo-chumanta, a’ buntainn ri Cinn Tìre no Cataibh, tha sinn airson a chluinntinn!

 

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: