Dè do sgeul? 2019

Dè do sgeul? 2019

 

Dè do Sgeul?

 

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba, a’ bhuidheann-charthannais nàiseanta a bheir buaidh air beatha an t-sluaigh tro sgrìobhadh is leughadh, air fhoillseachadh an-diugh gu bheil tagraidhean fosgailte airson Dè Do Sgeul?. Tha an sgeama seo, a tha a-nis na chòigead bhliadhna, air mu 30 daoine òga bho air feadh Alba a chuideachadh gus pròiseactan sgrìobhaidh, dealbhachaidh agus taisbeanaidh a leasachadh.

Thathas a’ brosnachadh dhaoine òga bho 14 gu 17 bliadhna a dh’aois a tha a’ fuireach ann an Alba gus cur a-steach airson a’ chothruim làn-phàighte seo a bhith ag ionnsachadh, a’ fàs agus a cruthachadh mar sgrìobhadairean no dealbhaiche.

A bharrachd air modhan-tagraidh àbhaisteach, am-bliadhna thathas ag iarraidh air inbhich daoine a mholadh a tha nan tosgairean èasgaidh airson compàirteachas nan deugairean ann an cultar cruthachail agus litreachais a bhiodh freagarrach airson an sgeama. Agus airson a’ chiad uair is urrainn do dheugairean bhidio a chur a-steach ag innse carson a bu chòir dhaibhsan an cothrom fhaighinn, no faodaidh iad foirm sgrìobhte a chur a-steach.

Bidh na deugairean a thèid a thaghadh airson an sgeama a’ gabhail pàirt ann an deireadh-seachdain aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba airson an obair phearsanta aca a bhrosnachadh, agus nì iad obair còmhla ri neach-treòrachaidh thairis air sia mìosan. Mar phàirt de Dè Do Sgeul?, thèid na deugairean gu Moniack Mhòr, Ionad Sgrìobhadh Cruthachail na h-Alba, airson seachdain, far am bi iad a’ cur seachad ùine còmhla ris an luchd-treòrachaidh. Bidh iad cuideachd an sàs ann am planadh is aoigheachd StoryCon 2020, a’ cho-labhairt sgrìobhaidh agus dealbhachaidh as motha ann an Alba airson dhaoine òga.

Gheibh na daoine òga cothrom na pròiseactan aca a thaisbeanadh aig tachartas aig deireadh Dè Do Sgeul?. Bidh eòlaichean sa ghnìomhachas a’ toirt trèanadh dhaibh air mar a chuireas iad an cuid obrach mu choinneamh luchd-èisteachd beò, a’ cleachdadh ceòl agus ìomhaighean.

Air a stiùireadh is a ruith le Urras Leabhraichean na h-Alba, bha Dè Do Sgeul? ga mhaoineachadh an toiseach le Time To Shine, roi-innleachd nàiseanta nan ealan aig Alba Chruthachail, agus is e seo a’ chiad sgeama nàiseanta de a leithid ann an Alba. Am-bliadhna, tha e ga mhaoineachadh le tabhartaichean prìobhaiteach, agus tha àite airson neach òg le Gàidhlig ga mhaoineachadh le Comhairle nan Leabhraichean. Tha Dè Do Sgeul? an-asgaidh agus gheibh na daoine òga na cosgaisean siubhail aca.

Is e an ceann-là airson thagraichean 27 Samhain, agus gabhaidh an cur a-steach aig thestoryis.co.uk/storyboard

 

Thuirt Marc Lambert, Àrd-oifigear Urras Leabhraichean na h-Alba:

“Tha Urras Leabhraichean na h-Alba toilichte a bhith a’ cur air bhog an siathamh Dè Do Sgeul?, a bhios a’ brosnachadh tàlant ùr ann an litreachas na h-Alba. Tha sinn a’ guidhe gun iarr pàrantan agus tidsearan air na deugairean as aithne dhaibh cur a-steach air a shon ma tha iad dèidheil air sgrìobhadh no dealbhachadh.”

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean:

"Tha Comhairle nan Leabhraichean daonnan airson taic a thoirt do sgrìobhadairean aig aois sam bith, ach tha e gu sònraichte cudromach a bhith a’ brosnachadh an ath-ghinealaich, agus tron sgeama seo gheibh neach òg le Gàidhlig cothrom air leth a bhith a’ togail an guth agus a’ cur an cèill am beachdan ann an dòigh chruthachail a neartaicheas an sgilean agus am misneachd. Tha sinn toilichte a bhith ag obair còmhla ri Urras Leabhraichean na h-Alba a-rithist, agus tha sinn an dòchas gun cluinn sinn bho sgrìobhadairean òga bho air feadh Alba am-bliadhna."

Thuirt Beccie, a ghabh pàirt ann an Dè Do Sgeul 2019:

“Bhithinn ag iarraidh air a h-uile duine cur a-steach airson Dè Do Sgeul? Tha an treòrachadh sgoinneil, is bidh Urras Leabhraichean na h-Alba a’ meòrachadh air an sgeulachd a tha fa-near dhut agus dè tha thu airson ionnsachadh tron sgeama, is an uair sin bidh iad a’ taghadh an neach ceart airson do chuideachadh. Tha e cho cudromach gum faigh guthan dhaoine òga èisteachd, agus ann a bhith a’ cur StoryCon air dòigh bha cothrom againn mìneachadh gu sònraichte dè bha sinn airson ionnsachadh!”

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: