Cùrsa Gàidhlig 26-28 Samhain 2019

Cùrsa-deasachaidh trì latha, 26-28 Samhain 2019

Cùrsa sgilean-deasachaidh còmhla ri Ruairidh MacIlleathain

Cuin agus Càite?

Dimàirt – Diardaoin 26-28 Samhain 2019, Inbhir Nis

9.15am-4.45pm a h-uile latha. Balnain House, Sràid Huntly IV3 5HR

Tuilleadh fiosrachaidh bho: john@gaelicbooks.org

Cò dha a tha an cùrsa?

Tha an cùrsa seo freagarrach do sgrìobhadairean Gàidhlig agus do dhaoine a tha an sàs ann an raointean cruthachail a’ cleachdadh Gàidhlig sgrìobhte. Mar eisimpleir, ’s dòcha gu bheil sibh air ùr‑thòiseachadh ann an obair‑deasachaidh, neo gu bheil beagan eòlais agaibh air gnothaichean gràmair ach nach eil sibh cinnteach mu dheidhinn a h-uile puing.

Ruairidh MacIlleathain

An cùrsa fhèin

’S e cùrsa trì latha a th’ ann agus thèid a chumail tro mheadhan na Gàidhlig. Thèid sùil mhionaideach a thoirt air cuspairean gràmair. Bithear a’ toirt sùil bheag air litreachadh (mar eisimpleir GOC) cuideachd. ’S e Ruairidh MacIlleathain, sgrìobhaiche a’ chùrsa, a bhios a’ teagasg. Bidh measgachadh de chòmhradh, ceistean agus obair‑sgrìobhte ann. Bidh earrannan sgrìobhte ann, is ceistean‑deasachaidh nan cois.  

Teisteanas – qualification

Tha an cùrsa fhèin air taic oifigeil (accreditation) fhaighinn bho Oilthigh Glasgow Caledonian, an co‑bhoinn ris an SCQF (Scottish Credit and Qualifications Framework). Bidh cothrom aig daoine teisteanas oifigeil (official certificate) fhaighinn, aig ìre SCQF 10. Gus an teisteanas seo a choisinn, feumar beagan obrach a dhèanamh taobh a-muigh a’ chlas às dèidh làimh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn seo bho Ruairidh MacIlleathain air a’ chiad latha, neo ma tha sibh airson fiosrachadh a bharrachd fhaighinn ro làimh, cuiribh brath gu Comhairle nan Leabhraichean.

Cosgais                                     

’S e £300 a’ phrìs àbhaisteach airson cùrsa trì latha mar seo. Cuiribh brath thugainn ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh.

Biadh agus deoch

Bidh biadh ri fhaighinn (lunch neo ‘lòn’ mar a chanas feadhainn) a h-uile latha eadar 1pm-2pm, agus bidh tì agus cofaidh ri fhaotainn cuideachd.

Ciamar a ghlèidheas mi àite air a’ chùrsa?

Ma tha sibh airson àite a chur air dòigh, bu chòir brath a chur gu John Storey, Comhairle nan Leabhraichean, air post-dealain: john@gaelicbooks.org  

Bhiodh e feumail nan dèanadh sibh seo ro 30/09/2019.

Tuilleadh fiosrachaidh/ceistean eile

Cuiribh fios gu: john@gaelicbooks.org

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: