An Tiomnadh Nuadh ann an eadar-theangachadh Gàidhlig ùr

An Tiomnadh Nuadh ann an eadar-theangachadh Gàidhlig ùr

BRATH-NAIDHEACHD 16 Giblean 2019

Tha eadar-theangachadh ùr den Tiomnadh Nuadh sa Ghàidhlig air fhoillseachadh le Comann Bhìoball na h-Alba, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean.
Rinn sgioba de dh’eadar-theangairean – an t-Urr. Iain D. Urchardan, an Dr. Urr. Ruairidh Mac’Illeathain, an t-Urr. John Lincoln agus an Canan Urr. Iain Aonghas Dòmhnallach nach maireann  – obair mhòr thairis air deich bliadhna a’ cur Gàidhlig na h-Alba air na teacsaichean Greugais.

Thuirt an t-Urr. Iain Urchardan:
“Tha deichead ann bho thug Comann Bhìoball na h-Alba an sgioba eadar-theangachaidh againn còmhla airson pròiseact an Tiomnaidh Nuaidh a thòiseachadh. Ged a chaidh ar tarraing o àitean is eaglaisean eadar-dhealaichte, bha aon amas cudromach againn: gum biodh Sgriobtaran an Tiomnaidh Nuaidh – air an eadar-theangachadh gu dìleas – aig muinntir na Gàidhlig ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Chùm sinn dìlseachd dhan Ghreugais agus soillearachd sa Ghàidhlig far comhair, fad na h-ùine, fhad ’s a bha sinn a’ dol air adhart.
Ar mòr thaing cuideachd dhaibhsan uile, agus tha tòrr dhiubh ann, a thug taic dhuinn gus an obair chudromach seo a thoirt gu buil.
Ann a bhith a’ cur Facal Dhè ann an Gàidhlig an latha an-diugh, tha an sgioba an dòchas gun cluinn gach neach a leughas e guth Dhè a’ bruidhinn riutha, agus mar sin, gun cuir iad eòlas air an t-sìth is air an t-slàinte a tha a-mhàin rim faighinn ann an Crìosd. ’S e ar miann gum bi gach moladh, agus urram, agus glòir, a’ dol gu Dia ’s gu Dia a-mhàin.”

Thuirt Elaine Duncan, Àrd-Oifigear Comann Bhìoball na h-Alba:
“Bha e na thlachd dhuinn taic a chumail ris a’ bhuidhinn de dh’eadar-theangairean sgileil seo, a bha cho èasgaidh is dealasach mun phròiseact. Bha an cuid dìlseachd, an gràdh air a’ Bhìoball agus an dòigh san do làimhsich iad na Greugais agus na Gàidhlig deatamach ann a bhith a’ toirt na h-obrach seo gu buil. Tha sinn taingeil do Chomhairle nan Leabhraichean airson an taic, agus tha sinn a’ guidhe gun gabh Facal Dhè a thuigsinn nas fhasa ’s gun toirear feart dha tron eadar-theangachadh ùr Ghàidhlig den Tiomnadh Nuadh.”

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean:
“Tha sinn moiteil às an sgioba eadar-theangachaidh a tha air Gàidhlig an latha an-diugh a chur air an Tiomnadh Nuadh, agus toilichte gun robh cothrom againn taic a thoirt do Chomann Bhìoball na h-Alba leis a’ phròiseact seo. Tha e iomchaidh gu bheil an t-eadar-theangachadh ùr seo a’ nochdadh ann am bliadhna UNESCO nan Cànanan Dùthchasach, agus tha sinn an dòchas gum faigh eaglaisean, sgoiltean agus leughadairean fa-leth tlachd às an leabhar àlainn seo.”

Gheibhear an Tiomnadh Nuadh ùr bho Chomhairle nan Leabhraichean sa bhùth aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu, air-loidhne aig www.gaelicbooks.org, no le bhith a’ cur fòn thugainn air 0141 337 6211. Gabhaidh lethbhreacan a phostadh air feadh an t-saoghail.

Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh fios gu brath@gaelicbooks.org no fòn gu +44 (0)141 337 6211.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: