A' Togail Coimhearsnachdan-leughaidh

A' Togail Coimhearsnachdan-leughaidh

A’ toirt taic do leughadairean Gàidhlig aig a h-uile ìre

Tron obair làitheil againn aig Comhairle nan Leabhraichean, bidh sinn a’ faicinn dè cho cudromach ’s a tha leughadh ann an coimhearsnachdan eadar-dhealaichte. Tha e cudromach gu bheil measgachadh de leabhraichean aig luchd-ionnsachaidh, a bheir cothrom dhaibh slighe-leughaidh a leantainn. Tha e cudromach gu bheil taghadh de leabhraichean aig diofar ìrean aig luchd-labhairt na Gàidhlig, gus am bi iad air am brosnachadh gus leughadh airson tlachd anns a’ chànan aca fhèin.

Tha sinn airson taic a chumail ri buidhnean ann an sgìrean far a bheilear a’ dèanamh oidhirp gus cothroman a chruthachadh do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha fios againn gu bheil e doirbh uaireannan dha na buidhnean seo goireasan a chruinneachadh agus taic oifigeil a lorg.
Tron iomairt ùir againn, A' Togail Coimhearsnachdan-leughaidh, tha sinn an dòchas gum bi e comasach dhuinn cuideachadh a thoirt dhaibh ann a bhith a’ tòiseachadh a chruthachadh stòras de leabhraichean, a ghabhas a leasachadh tro thìde.

Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri buidhnean ann an sgìrean eadar-dhealaichte airson leabhraichean de dhiofar ghnè agus aig diofar ìrean a thaghadh, a bheir cothrom dhaibh coimhearsnachd-leughaidh a thogail. ’S iad na buidhnean a tha a’ gabhail pàirt anns an iomairt seo ann an 2019:

  • Buidheann de luchd-tòisichidh ann an Siorrachd Rinn Friù
  • Coimhearsnachd ann an Leven, Fìobha (teaghlaichean, pàrantan agus luchd-ionnsachaidh)
  • Buidheann-còmhraidh ‘Abair Thusa’ ann an Siorrachd Pheairt
  • Sgeama ‘Caraidean-leughaidh’ ann an Sruighlea
  • Club Gàidhlig ann an Taigh-òsta Lynn of Lorne, An t-Òban

’S ann dhan a’ choimhearsnachd a bhios na leabhraichean a thèid a cheannach tron iomairt seo, agus thèid an cumail ann an àite far am bi e comasach do leughadair sam bith an cleachdadh.
Ma tha sibhse airson taic a chumail ri na coimhearsnachdan seo, faodaidh sibh leabhar a cheannach bhon liosta anns a’ bhùth-leabhraichean ann an Glaschu, no faodaidh sibh àirleas-leabhar luach £5 no £10 a cheannach air an làrach-lìn againn, a thèid a chleachdadh airson leabhraichean a cheannach dha na buidhnean seo.

Ma tha thu fhèin an sàs ann am buidheann a gheibheadh buannachd bhon sgeama seo, cuir fios gu Shelagh Chaimbeul, Oifigear Reic is Margaideachd

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: