Duaisean-sgrìobhaidh: Geàrr-liostaichean

Duaisean-sgrìobhaidh: Geàrr-liostaichean

Duais Ruaraidh MhicThòmais agus Duais Cuimhneachaidh Chrisella Rois

Geàrr-liostaichean air ainmeachadh!

Chaidh trì sgeulachdan airson cloinn aois 7-10 agus trì pìosan bàrdachd air a’ chuspair ‘Crìochan Ùra’ ainmeachadh air geàrr-liostaichean Duais Cuimhneachaidh Chrisella Rois agus Duais Ruaraidh MhicThòmais. Bha 11 tagraiche ann airson Duais Ruaraidh MhicThòmais agus bha tagraiche ann airson Duais Cuimhneachaidh Chrisella Rois.

Chaidh an dà fharpais sgrìobhaidh ùr a stèidheachadh ann an 2018 le Comhairle nan Leabhraichean, ann an co-bhoinn le Oilthigh Ghlaschu, mar chomharra air 50 bliadhna on a chaidh a’ bhuidheann a stèidheachadh ann an Roinn na Ceiltis san Oilthigh ann an 1968.

Chaidh na trì dàin a leanas ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson Duais Ruairidh MhicThòmais:

  • Ochd Ceud ’s Ochd air Fhichead Uinneag le Rona Dhòmhnallach
  • Leth-oireachd le Anna Frater
  • Cain le Marion F. NicIlleMhoire

Agus chaidh na trì sgeulachdan a leanas ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson Duais Cuimhneachaidh Chrisella Rois:

  • Sùilean Dearga Angela le Ruairidh MacIlleathain
  • Artair sa Chaisteal le Mòrag Anna NicNèill
  • Ailig agus an Dalek Gàidhlig le Louise Willock

Thèid luchd-glèidhidh nan duaisean ainmeachadh aig tachartas sònraichte anns an Talla Khelvin ann an Glaschu air Diluain 3 Dùbhlachd.

B’ ann fo stiùir an Àrd-Ollamh Ruaraidh MhicThòmais a bha a’ chiad choinneamh dhen Chomann Leabhraichean (mar a bh’ air a’ bhuidheann aig an àm), air 20 Dùbhlachd 1968. B’ e MacThòmais cuideachd, còmhla ri Fionnlagh I. MacDhòmhnaill, a stèidhich an ràitheachan Gairm ann an 1951 airson sgrìobhadh Gàidhlig a bhrosnachadh. Dh’fhoillsich MacThòmais ochd cruinneachaidhean de a bhàrdachd uile gu lèir, agus nam measg, An Dealbh Briste, Creachadh na Clàrsaich, Smeur an Dòchais agus Sùil air Fàire. Bha e an sàs ann an grunn leabhraichean eile mar ùghdar agus neach-deasaiche, a chuir gu mòr ris an tuigse a th’ aig a’ mhòr-shluagh air bàrdachd na Gàidhlig, gu h-àraidh An Introduction to Gaelic Poetry. Dh’ eug Ruaraidh MacThòmais ann an Glaschu ann an 2012.

’S ann mar chuimhneachadh air an sgrìobhadair Chrisella Rois, a chaochail ann an 2017, a tha an dàrna duais. Bha Chrisella an sàs ann an saoghal litreachas na Gàidhlig thairis air iomadach bliadhna – mar sgrìobhadair, sgrìobhaiche-dràma, sgeulaiche agus eadar-theangair. B’ i an sgrìobhaiche a chruthaich an dràma Bannan airson BBC Alba. Sgrìobh i leabhraichean chloinne, nam measg Cuach a’ Charthannais. Bha i na h-eadar-theangair cuideachd aig Acair agus ’s iomadh leabhar taitneach chloinne air an do chuir i dreach Gàidhlig eireachdail, nam measg An Crogall Nach Iarradh gu Uisge agus A Shutha Chòir. Chuir Chrisella seachad beagan tìde cuideachd ag obair mar Oifigear Reic aig Comhairle nan Leabhraichean eadar 1987-88, is i a’ siubhal le bhan nan leabhraichean air feadh Alba.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: