Iain Moireach, 1938-2018

Iain Moireach, 1938-2018


Bha luchd-obrach agus bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean fìor dhuilich an naidheachd a chluinntinn gun do dh’eug Iain Moireach à Barabhas ann an Leòdhas. Bha Iain air fear de na sgrìobhadairean Gàidhlig a bu chomasaiche agus a bu bhrìoghmhoire sa chànan againn san fhicheadamh linn. Tha na sgeulachdan goirid aige anns An Aghaidh Choimheach (Gairm, 1973) fhathast nan slat-tomhais do sgrìobhadairean Gàidhlig eile.

B’ e Iain a’ chiad neach-obrach agus a’ chiad fhear-deasachaidh a chaidh fhastadh le Comhairle nan Leabhraichean aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1969. Bha A’ Suathadh ri Iomadh Rubha (Gairm, 1973) le Aonghas Caimbeul, eachdraidh-beatha A’ Phuilein, am measg nan leabhraichean cliùiteach a dheasaich Iain na ùine aig a’ Chomhairle. Bha e san obair gu 1975 nuair a thill e dhachaigh a Leòdhas gu bhith na Stiùiriche air Pròiseact Foghlam Dà Chànanach nan Eilean Siar. B’ ann às a’ phròiseact sin a nochd a’ chompanaidh foillseachaidh Acair ann an 1977, a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh chun an là an-diugh.

Chaill Iain a bhean ghràdhach Nora ann an 2010.

Tha sinn a’ cuimhneachadh air dlùth chàirdean agus caraidean Iain aig an àm dhuilich seo.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: