LEABHRAN ÙR - 50 BLIADHNA DE CHOMHAIRLE NAN LEABHRAICHEAN

LEABHRAN ÙR - 50 BLIADHNA DE CHOMHAIRLE NAN LEABHRAICHEAN


Tha Comhairle nan Leabhraichean air leabhran fhoillseachadh a' comharrachadh leth-cheud bliadhna bho chaidh am buidheann a stèidheachadh ann an 1968.

Tha an leabhran, CNL@50: Sgeul leth-cheud bliadhna, ag innse eachdraidh a' bhuidhinn bho na tràth bhliadhnaichean fo stiùir an Ollamh Ruaraidh MacThòmais, suas chun an là an-diugh. Tha iomradh ann mu chuid de na sgrìobhadairean agus na leabhraichean a fhuair taic bhon Chomhairle thairis air còig deicheadan, agus cuideachd na daoine a bha an lùib aon de na buidhnean Gàidhlig as sine a th' againn.

Bho thoiseach 2018, tha Comhairle nan Leabhraichean air a bhith an sàs ann an grunn thachartasan agus phròiseactan airson a' chinn-bliadhna shònraichte aithneachadh, nam measg cuairt litreachais, farpaisean sgrìobhaidh agus ealain, agus taisbeanadh a bhios a' siubhal na dùthcha anns na mìosan ri thighinn.

Faodar an leabhran a cheannach, aig prìs £4.99, bho bùth Chomhairle nan Leabhraichean ann an Glaschu, air 0141 337 6211 no an seo.

Bidh dreach Beurla dhen leabhran a' nochdadh ro dheireadh na bliadhna.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: