Gaidhlig intro course

Cùrsa aon-latha: Glaschu agus Dùn Èideann 2018

FIOSRACHADH ÙR: cha bhi na cùrsaichean seo a' dol air adhart air a' mhìos seo - thèid cùrsaichean mar seo a chumail ann an Glaschu agus Dùn Èideann ann an 2019. Bidh tuilleadh fiosrachaidh an seo fhathast.

POSTPONED UNTIL 2019.

-

GLASCHU: Diardaoin 22 Samhain 2018

(Oifis Chomhairle nan Leabhraichean)

agus

DÙN ÈIDEANN: Dihaoine 23 Samhain 2018

(Outreach Centre, Holyrood, Oilthigh Dhùn Èideann)

Tha an cùrsa aon-latha seo sònraichte freagarrach do neach sam bith a tha fileanta ann an Gàidhlig aig a bheil ùidh ann an sgilean-sgrìobhaidh neo obair deasachaidh, ach tha e feumail do dhuine sam bith a chuireas feum làitheil air an cuid Gàidhlig. Tha e buannachdail dhaibhsan aig a bheil Gàidhlig bho dhùthchas, feadhainn a dh’ionnsaich an cànan tro fhoghlam sgoile, agus daoine a thog a’ Ghàidhlig mar inbhich.

Am measg rudan eile, thèid sùil a thoirt air bunaitean agus briathrachas gràmair, prionnsapalan litreachaidh agus ceistean is teagamhan mu ghràmar na Gàidhlig. Thathar cuideachd a’ tabhann cùrsa 3-latha a bhios nas fharsainge agus nas coileanta. Tha tuilleadh fiosrachaidh air a’ chùrsa 3-latha seo ri fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean.

A bharrachd air sàr theagasg bho Ruairidh MacIlleathain, gheibhear teisteanas oifigeil ann an co-bhoinn le Oilthigh Glasgow Caledonian, ma thèid gu math leat. Tha an cùrsa aon-latha aig ìre SCQF 10, agus tha luach 10 comharra-creideis ann.

Cosgais? £100

Càite?

GLASCHU – Diardaoin 22 Samhain 2018

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a' Mhansa, Glaschu G11 5QP

9.15m - 4.45f (le beagan ùine airson greim-bìdh)

DÙN ÈIDEANN – Dihaoine 23 Samhain 2018

Outreach Centre, Oilthigh Dhùn Èideann, 9c Holyrood Road, Dùn Èideann EH8 8FP

9.15m - 4.45f (le beagan ùine airson greim-bìdh)

Ciamar a gheibh mi àite air cùrsa?

Gus àite air cùrsa chur air dòigh, neo airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu Comhairle nan Leabhraichean air 0141 337 6211 tron latha, no air post-d john@gaelicbooks.org


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: