Sgeama Gaidhlig IGNITE - taic do sgriobhadairean - Urras Leabhraichean na h-Alba

Caidreabh IGNITE (LAS) 2019

’S e iomairt ùr a th’ ann an Caidreabh Ignite (LAS) 2019; pròiseact a tha ag aithneachadh tàlant ùghdaran stèidhichte.


Tha Comhairle nan Leabhraichean ag obair ann an com-pàirteachas le Urras Leabhraichean na h-Alba gus duais a bhuileachadh gu sònraichte air aon sgrìobhadair foillsichte Gàidhlig. 


Gheibh luchd-duaise:
•    Bursaraidh suas gu £2000
•    Taic iomchaidh do phròiseact chruthachail


Bithear ag obair còmhla ris an sgrìobhadair taghte gus am feumalachdan a chomharrachadh agus an taic as fheumaile fhaighinn dhaibh.   Dh’fhaodadh gum bi seo co-cheangailte ri meantaradh, measadh sgrìobhainn, deasachadh no rannsachadh is leasachadh.


A thuilleadh air taic do phròiseact chruthachail, bidh na cothroman a leanas rim faotainn cuideachd:
•    Cothrom sgrìobhaidh fad seachdain ann am Mon Ìothaig Mòr (còmhla ri sgrìobhadairean bho phrògram Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra).
•    Trèanadh (ma thogras an neach) anns na meadhanan, PR, na meadhanan sòisealta, taisbeanadh air beulaibh an t-sluaigh
•    Tachartas ‘showcase’ ann am bùth leabhraichean, còmhla ris na sgrìobhadairean taghte eile (bidh dithis le Beurla air an taghadh le Urras Leabhraichean na h-Alba)
•    deasachadh ‘manuscript’
•    Cothrom bruidhinn ri proifeiseantaich eile
•    Taic reusanta eile (a’ gabhail a-steach margaideachd, adhartachadh agus na meadhanan) mar a dh’fheumar
•    Cosgaisean siubhail reusanta co-cheangailte ri tursan a’ frithealadh gealltanasan a’ phrògraim


Bidh iomairt 2019 a’ ruith bho Am Faoilleach 2019 gu Dùbhlachd 2019.


Tuilleadh fiosrachaidh:
•    Feumaidh sgrìobhadairean a bhith stèidhichte ann an Alba airson tagradh a chur a-steach.
•    Tha Caidreabh Ignite (LAS) 2019 fosgailte do sgrìobhadair sam bith a tha a’ coileanadh nan slatan-tomhais airson sgeama 'Live Literature' Urras Leabhraichean na h-Alba.  Chan fheum thu a bhith san stòr-dàta airson tagradh. Thathas a’ cur fàilte air tagraidhean bho sgrìobhadairean, bàird, dealbhadairean, sgeulaichean, dràmadairean agus luchd-ealain an fhacail labhairte.  
•    Bheir an Caidreabh taic do sgrìobhadair le pròiseact sònraichte (mar eisimpleir nobhailean, bàrdachd, cluichean-sgriona agus sgriobtaichean rèidio). Gus tagradh a chur a-steach, feumaidh pròiseact a bhith agad aig a bheil feum air leasachadh. Faodaidh am pròiseact seo a bhith ann am fìor thràth ìrean leasachaidh (leithid beachd-smuain no moladh) no a bhith air a chruthachadh gu ìre ach gun a bhith crìochnaichte. Ma bhios ceistean sònraichte agad mu dheidhinn seo, feuch gun cuir thu fios gu Urras Leabhraichean na h-Alba.
•    Faodaidh tu a bhith an sàs le leabhar ùr ann an gnè aithnichte – no pìos sa bheil thu ag atharrachadh gnè no meadhan. Mar eisimpleir, bàrd leis am bu mhath cluich-sgriona a sgrìobhadh, sgrìobhadair inbhich a’ cruthachadh obair do chlann, dealbhadair a’ coimhead ri nobhail a sgrìobhadh, nobhailiche ag obair air pìos neo-fhicsean aithriseach no dràmadair ag obair air nobhail. Bu chòir do dhràmadairean a’ sireadh taic leis an obair thèatar aca coimhead ri cothroman a tha rim faotainn aig Stiùidio Dhràmadairean Alba.
•    Faodaidh sgrìobhadairean a fhuair taic bho Urras Leabhraichean na h-Alba roimhe (m.e. tro Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra) tagradh a chur a-steach, cho fada ’s gu bheil iad a’ coileanadh nan slatan-tomhais gu h-àrd.
•    Faodaidh tagraichean Gàidhlig a tha gu làithreach a’ faotainn Tabhartas Barantais (‘Commission Grant’) Chomhairle nan Leabhraichean tagradh a chur a steach cuideachd. Thoir an aire, ge-tà, gun toir Urras Leabhraichean na h-Alba beachd air an seo agus dh’fhaodadh gun tèid bursaraidh lùghdaichte a thabhann. Ach, bidh gach taobh eile den phasgan taic bho Urras Leabhraichean na h-Alba ri fhaotainn far a bheil sin iomchaidh.


On a tha na duaisean mar leasachadh ùr, tha Urras Leabhraichean na h-Alba a’ cur fàilte air beachdan: applications@scottishbooktrust.com


Cur a-steach an tagraidh agad:


Airson tagradh a chur a-steach, lìon foirm Urras Leabhraichean na h-Alba air Submittable – tha an ceangail an seo:


IARRTASAN AIRSON 2019

Tha an ceann-latha deireannach airson tagraidhean air Diciadain 14 Samhain 2018 (meadhan-latha).


Ma tha ceistean sònraichte agad mun tagradh agad, feuch gun cuir thu iad gu applications@scottishbooktrust.com

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: