Buidheann-leughaidh Air-loidhne

Buidheann-leughaidh Air-loidhne

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus e-Sgoil a’ stèidheachadh buidheann-leughaidh Ghàidhlig ùr air-loidhne, ‘Leugh Leam’.

Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh gach mìos airson bruidhinn mu dheidhinn nobhailean, sgeulachdan goirid agus leabhraichean neo-fhicsean anns a’ Ghàidhlig. ’S ann tro Vscene a bhios a’ bhuidheann a’ coinneachadh air-loidhne agus bidh e fosgailte do leughadairean Gàidhlig aig ìre sam bith, ann an sgìre no dùthaich sam bith.


’S ann air Dimàirt 26 Ògmhios aig 7.00f a bhios a’ chiad choinneamh agus bithear a’ còmhradh mu dheidhinn An Nathair le Dà Shùil Dhearg, nobhail ùr le Màiri E. NicLeòid, foillsichte le Acair.

Ged as e buidheann-leughaidh a th’ ann, chan fheumar an leabhar a chrìochnachadh airson pàirt a ghabhail anns a’ chòmhradh agus cuiridh a’ bhuidheann fàilte air leughadairean aig ìre sam bith, bho luchd-ionnsachaidh gu fileantaich.

Gheibhear lasachadh 10% air an leabhar ron choinneamh air an làrach-lìn againne leis a’ chòd LEUGHLEAM1 agus air làrach-lìn Acair leis a’ chòd Nathair10.

Ma tha thu airson pàirt a ghabhail anns a’ bhuidheann, cuir fios gu Shelagh Chaimbeul aig Comhairle nan Leabhraichean agus gheibh thu ceangal agus stiùireadh air mar a chleachdas tu Vscene. Tha an teicneòlas furasta a chleachdadh – chan fheumar ach webcam agus maicreafòn.

’S dòcha gu bheil buidheann-leughaidh agad mar-thà – carson nach tig sibh còmhla air 26 Ògmhios airson pàirt a ghabhail anns a’ chòmhradh! Air an oidhche, bidh buidhnean a’ cruinneachadh ann diofar àiteachan - ma tha thu a’ fuireach faisg air na sgìrean seo, bidh fàilte bhlàth ort tighinn còmhla rinn aig 7.00f:

  • Oifisean e-Sgoile - 44 Sràid Fhrangain, Steòrnabhagh
  • Bùth Chomhairle nan Leabhraichean - 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu
  • e-Sgoile, Seann Taigh-sgoile, Càirinis, Uibhist a Tuath

(Airson sgìre eile a chur ris an liosta seo, cuiribh fios gu Shelagh Chaimbeul)

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: