Co-fharpais Oidhche nan Leabhraichean

Co-fharpais Oidhche nan Leabhraichean

Mar phàirt den a’ bhliadhna shònraichte againn, tha sinn a’ ruith co-fharpais airson iùl-leabhraichean sònraichte a dhealbhadh, a tha a’ riochdachadh a’ chuspair ‘Leugh Leabhar'.

Tha a’ cho-fharpais seo fosgailte do bhun-sgoilearan ann an Clas 1-7 agus bidh trì roinnean-aois ann: Clas 1-3, Clas 4-5 agus Clas 6-7.

Dè an leabhar Gàidhlig is fheàrr leat? A bheil e a’ còrdadh riut a bhith a’ leughadh anns a’ Ghàidhlig? A bheil caractar, àite no còmhdach sònraichte ann an leabhar Gàidhlig a chòrd riut?

Tha sinn airson ’s gum bi sgoilearan cruthachail leis na dealbhan aca! Thèid na h-iùl-leabhraichean a bhuannaicheas a dhèanamh an-àird le buidheann-dealbhaidh proifeasanta airson Oidhche nan Leabhraichean (23 Giblean), agus thèid an cleachdadh aig tachartasan agus taisbeanaidhean tron a’ bhliadhna shònraichte seo. Gheibh na sgoilearean a nì na dealbhan a bhuainneachas àirleas-leabhair luach £20 cuideachd.

Cuiribh na dealbhan (le ainm/aois/sgoil orra) ro Dhiluain 16 Giblean gu:

Shelagh Chaimbeul, Oifigear Reic is Margaideachd
Comhairle nan Leabhraichean
32 Sràid Achadh a’ Mhansa
Glaschu G11 5QP

no gu h-eileagtronaigeach gu Shelagh Chaimbeul Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri na dealbhan agaibh fhaicinn!

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: