DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2019 - NA DUAISEAN

DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2019 - NA DUAISEAN

Iain Urchardan, neach-buannachaidh Duais Dhòmhnaill Meek 2019

Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek 2019 airson Leabhar na Bliadhna a bhuileachadh air an sgrìobhadair Iain Urchardan airson a chruinneachadh bàrdachd Turas, aig cuirm shònraichte aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd an Glaschu air Diardaoin 26 Sultain. B’ e seo a’ chiad turas a chaidh a’ phrìomh dhuais gu leabhar de bhàrdachd ùr neo-fhoillsichte.

Mar thoradh air maoineachadh o Bhòrd na Gàidhlig, choisinn dithis sgrìobhadair eile duaisean cuideachd. Bha Maoilios Caimbeul anns an dàrna àite le Gràs, cruinneachadh de bhàrdachd chràbhaidh a thèid fhoillseachadh le Handsel Press aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail air an ath mhìos, agus b’ ann air Mòrag Anna NicNèill a chaidh an treasamh duais a bhuileachadh airson an sgeulachd chloinne aice, Artair sa Chaisteal.

Thuirt Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean, “Tha e na thlachd dhuinn a bhith ag aithneachadh tàlant nan sgrìobhadairean a fhuair duaisean am-bliadhna, agus tha sinn an comain nam buidhnean a tha gar maoineachadh agus a h-uile duine a tha a’ cumail taic ri Comhairle nan Leabhraichean. Is math a rinn Iain, Maoilios agus Mòrag Anna, agus bidh sinn a’ coimhead le fiughair ris na leabhraichean aca fhaicinn ann an clò.”

Thuirt Iain Urchardan, “Gun cheist sam bith, ’s e seo an t-urram as motha a chaidh a bhuileachadh orm nam bheatha-sgrìobhaidh air fad. Tha mi cho moiteil ’s a ghabhas agus tha mi dha-rìribh taingeil dha na britheamhan airson a leithid de dh’onair a thoirt dhan leabhar agam, ‘Turas’ – sùil bhàrdail air cuairt mo bheatha, cuide ri smuain neo dhà air caran an t-saoghail.”

Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek a stèidheachadh le Comhairle nan Leabhraichean, an co-bhann ri Alba Chruthachail, ann an 2010 le sùil gum misnich is gun cuidich i sgrìobhadairean Gàidhlig ùra agus sgrìobhadairean stèidhichte. Bha measgachadh de bhàrdachd, ficsean do chloinn agus rannsachadh acadaimigeach am measg nan tagraidhean am-bliadhna.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: