Stiùiriche Ur do Chomhairle nan Leabhraichean

Stiùiriche Ùr do Chomhairle nan Leabhraichean

STIÙIRICHE ÙR DO CHOMHAIRLE NAN LEABHRAICHEAN


Tha Comhairle nan Leabhraichean, a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba airson litreachas na Gàidhlig, air Alison Lang ainmeachadh mar Stiùiriche ùr na buidhne. Bidh i a’ tòiseachadh anns an dreuchd san Fhaoilleach.

Tha Alison air cliù a chosnadh mar shàr sgrìobhadair agus neach-deasachaidh Gàidhlig. Bha a’ chiad chruinneachadh de sgeulachdan goirid aice, Cainnt na Caileige Caillte, air geàrr-liosta Comann Crann na h-Alba airson Duais Ciad Leabhar na Bliadhna ann an 2009; choisinn i Duais Playwrights’ Studio ann an 2013 airson Sgrìobhadair Dealbh Chluich ùr; ann an 2018 chaidh an nobhail aice Am Balach Beag a dh’ Èisteadh aig Dorsan ainmeachadh mar an Leabhar Inbhich as Fheàrr aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Tha Alison air obrachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba mar Neach-Aithisg air an Aithisg Oifigeil, anns na meadhanan mar Oifigear Corporra aig MG ALBA agus do Tèatar Nàiseanta na h Alba mar Neach-Taic Litreachais (Gàidhlig).

Thuirt Cathraiche Bòrd-Stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean, Catrìona Mhoireach:

“Tha sinn anabarrach toilichte fàilte a chur air Alison mar Stiùiriche ùr Chomhairle nan Leabhraichean is sinn, mar bhuidheann, a’ comharrachadh leth-cheud bliadhna. Tha i a’ tighinn chun na Comhairle le deagh eòlais is thuigse air obair na buidhne, litreachas na Gàidhlig, agus air obair chorporra. Tha sinn mar sgioba a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair cuide ri Alison.”

Thuirt Alison Lang:

"Tha mi cho toilichte a bhith an sàs ann an obair Chomhairle nan Leabhraichean, a tha air uiread de thaic a thoirt dhòmhsa mar sgrìobhadair, agus gum bi cothrom agam a-nis foillsichearan agus sgrìobhadairean eile a chuideachadh. Tha e na urram a bhith a’ tighinn don dreuchd aig an àm seo is a’ bhuidheann a’ comharrachadh leth-cheud bliadhna, agus tha mi an dòchas gun tèid agam air an dìleab seo a thoirt air adhart còmhla ris an sgioba gu lèir airson barrachd leabhraichean fhoillseachadh agus leughadh anns a' Ghàidhlig a bhrosnachadh air feadh na h-Alba."

Tha Alison a’ leantainn Rosemary Ward a bha na Stiùiriche air Comhairle nan Leabhraichean bho 2010.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: