COTHROM RANNSACHAIDH

Rannsachadh: Cleachdaidhean Leughaidh sa Ghàidhlig

Leughadh airson Tlachd – Cleachdaidhean Leughaidh sa Ghàidhlig
Geàrr-chunntas an Rannsachaidh

Leugh an rannsachadh an seo

 1. Cùl-fhiosrachadh an Rannsachaidh
Thug Comhairle nan Leabhraichean coimisean (CnanL) coimisean do Scotinform gus rannsachadh a dhèanamh airson faighinn a-mach dè bhiodh fileantaich agus luchd-ionnsachaidh a’ leughadh airson tlachd sa Ghàidhlig, agus gus fiosrachadh a thoirt a chuidicheadh le leasachadh ro-innleachdan èifeachdach ann an coimiseanadh is foillseachadh Leabhraichean Gàidhlig. Chaidh an rannsachadh a dhèanamh eadar am Màrt agus an t-Ògmhios 2017 agus bha e ag amas air fileantaich agus luchd-ionnsachaidh sna buidhnean a leanas

• Pàrantan le clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) agus/no le clann ann an sgoiltean gun FMG a tha a’ dèanamh Gàidhlig mar chuspair
• Daoine òga & Oileanaich
• Inbhich ag ionnsachadh na Gàidhlig
• Luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig
• Buidhnean/daoine fa leth a tha an-dràsta a’ lìbhrigeadh sheirbheisean sa Ghàidhlig

Chaidh Sgrùdadh Litreachais a dhèanamh airson gun deigheadh cudrom leughadh airson tlachd a chomharrachadh ann an co-theacsa ath-bheothachadh na Gàidhlig, agus chaidh an rannsachadh bunaiteach a dhèanamh mar a chithear sa gheàrr-iomradh gu h-ìosal:

Rannsachadh Air-loidhne de Luchd-labhairt Fileanta/Ionnsachaidh na Gàidhlig: lìon 550 neach na ceisteachain eadar leughadairean a bha comasach agus feadhainn a’ tòiseachadh air leughadh

Buidhnean Fòcas le Luchd-labhairt Fileanta/Ionnsachaidh na Gàidhlig: chaidh ceithir buidhnean fòcas a chumail le compàirtichean a bhiodh a' riochdachadh nam buidhnean gu h-àrd

Agallamhan Mionaideach cuide ri Buidhnean Lìbhrigidh/Daoine fa leth: a’ bruidhinn ri 11 neach air a’ fòn aig a bha a’ riochdachadh bhuidhnean a tha a’ lìbhrigeadh sheirbheisean Gàidhlig


2. Sgrùdadh Litreachais
Tha am prìomh fhiosrachadh bhon sgrùdadh litreachais gu h-ìosal:

• A thaobh bheachdan co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig, thàinig crìonadh ann an àireamh an luchd-labhairt, agus tha grunn sgrùdaidhean air feuchainn ri coimhead air beachdan a thaobh na Gàidhlig agus leasachadh na Gàidhlig ann an Alba. Sheall na sgrùdaidhean sin gu bheil taic dhan Ghàidhlig air a dhol am meud bho 2003 agus gu bheilear ga faicinn cudromach agus iomchaidh do dh’Alba agus do chultar na h-Alba. Dhaingnich sgrùdadh a rinn Bòrd na Gàidhlig ann an 2016 an deagh rùn a bh’ ann a thaobh na Gàidhlig, le taic mhòr do Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
• Tha foghlam air a bhith bunaiteach ann an ath-bheothachadh na Gàidhlig ann an Alba agus tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ dol am meud air feadh Alba. Ach a dh’aindeoin sin, tha ceistean an lùib seo oir tha sgrùdaidhean a’ sealltainn nach gabh cànain a th’ ann an cunnart ath-bheothachadh tro sgoiltean a-mhàin: feumar an cleachdadh sa chomann-shòisealta ma tha iad gu bhith air an cleachdadh san àbhaist.
• Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig (2012-2017) aig Bòrd na Gàidhlig ag amas air cothroman cleachdaidh na Gàidhlig a leudachadh. Ged a tha am Plana Nàiseanta a’ bualadh air luchd-labhairt na Gàidhlig, tha e aithnichte gu bheil leughadh cudromach ann a bhith a’ coileanadh builean na ro-innleachd. Tha e follaiseach gu bheil amasan CnanL a’ brosnachadh ùidh ann an leabhraichean Gàidhlig, agus tha leudachadh air raoin is càileachd litreachas Gàidhlig a’ buntainn ris an ro-innleachd seo.
• An dèidh sealltainn cho cudromach ’s a tha leughadh ann an leasachadh na Gàidhlig ann an Alba, nochd an sgrùdadh air litreachas a’ bhuaidh a th’ aig leughadh airson tlachd ann an adhartas foghlaim agus adhartas pearsanta. Cho-dhùin iad gu bheil ceangal soilleir eadar leasachadh na Gàidhlig agus leughadh airson tlachd.
• Mu dheireadh, thug an sgrùdadh sùil air poileasaidh mion-chànain sa Chuimrigh agus ann an Èirinn gus eisimpleirean a thogail de mhodh-obrach ann an leasachadh cànain agus buaidh leabhraichean sa cho-theacsa seo.


3. Rannsachadh cuide ri Fileanataich agus Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig
Bha an rannsachadh air-loidhne agus na buidhnean fòcas ag amas air fiosrachadh a thional air na tha a’ còrdadh ri luchd-leughaidh na Gàidhlig a thaobh leughadh airson tlachd, agus gus beàrnan sam bith a chomharrachadh agus gus sùil a thoirt air bacaidhean bho bhith a’ leughadh sa Ghàidhlig.

3.1 Cleachdaidhean Leughaidh
Ge bith dè an cànan, bha luchd-freagairt a’ leughadh raon farsaing de leabhraichean, agus bha leughadairean leabhraichean Gàidhlig a’ sealltainn nan seòrsaichean leabhraichean a bu mhotha a bha a’ còrdadh riutha:

• Ficsean: ficsean eachdraidheil, litreachas clasaigeach, eucoir agus dìomhaireachd
• Neo-fhicsean: eachdraidh, eachdraidh-beatha, bàrdachd agus biadh/deoch

A bharrachd air an sin, bha daoine uabhasach buailteach a bhith a’ leughadh leabhraichean fiosrachaidh agus leabhraichean foghlaim sa Ghàidhlig, rud a bha a’ sealltainn gun robh a’ mhòr-chuid dhen luchd-freagairt ag ionnsachadh Gàidhlig a leughadh. Bha diofar eadar leughadairean sa Ghàidhlig a rèir ìre comais:

Bha luchd-labhairt fileanta/comasach a’ leughadh còig leabhraichean sa bhliadhna sa chuibheas, agus bha luchd-tòiseachaidh/ionnsachaidh a’ leughadh trì gu cuibheasach. B’ ann bho Chomhairle nan Leabhraichean a bha a’ mhòr-chuid (56%) a’ faotainn leabhraichean (rud nach robh na annas bhon a chaidh an rannsachadh a chur gu stòr-dàta CnanL), agus an uair sin bho luchd-reic air-loidhne (39%). Bha ceathramh dhen luchd-freagairt air leabhraichean Gàidhlig fhaighinn air iasad às an leabharlann agus fhuair 22% iad tron sgoil/oilthigh.

Ged a bha an fheadhainn anns na buidhnean fòcas mothachail air far am faigheadh iad leabhraichean Gàidhlig, bha iad dhen bheachd nach robh mòran leabhraichean rim faotainn agus chuireadh iad fàilte air barrachd fiosrachaidh a thaobh na tha ri fhaotainn. Bha diofar mòr eadar cleachdadh leughaidh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla, gu h-àraidh ann an luchd-leughaidh aig ìre tòiseachaidh/eadar-mheadhanach. B’ e am prìomh adhbhar airson seo cho doirbh ’s a tha e a bhith ag ionnsachadh leughadh sa Ghàidhlig, ged a thog cuid cho beag ’s a th’ ann de leabhraichean Gàidhlig. Bha cuideam ga chur air an duilgheadas seo le beachdan a bha a’ sealltainn gun robh luchd-freagairt a’ leughadh theacsaichean nas sìmplidhe sa Ghàidhlig, agus cuideachd cho doirbh ’s a tha e leughadh Gàidhlig ‘fhiotadh a-steach’ gu cunbhalach.

Bha leughadh sa Ghàidhlig air fhaicinn cudromach mar dhòigh air luchd-ionnsachaidh a chuideachadh oir, a bharrachd air luchd-labhairt a bha fileanta, b’ e am prìomh adhbhar airson leabhraichean Gàidhlig a leughadh gun cuidicheadh iad le bhith ag ionnsachadh a’ chànain. Bha an iarraidh ann an ionnsachadh air a daingneachadh leis an ùidh ann an stuthan ionnsachaidh, mar CDan an cois leabhraichean.

3.2 Leughadh airson Tlachd
Cha mhòr nach robh ùidh aig an luchd-freagairt gu lèir ann an leughadh agus bha barrachd ùidh aca ann an leughadh na bh’ aca ann an gin de na cur-seachadan eile mar ag èisteachd ri ceòl, a’ tadhal air àitichean no a’ coimhead film.
Bha sianar às gach deichnear a’ leughadh sa Ghàidhlig airson tlachd. Bha an àireamh ag atharrachadh bho faisg air 80% de luchd-leughaidh fileanta gu 23% airson luchd-tòiseachaidh. Bha na beachdan a’ sealltainn gun robh leughadh sa Ghàidhlig na mheasgachadh de leughadh airson tlachd agus de ionnsachadh leis a’ cho-mheas ag atharrachadh a rèir ìre fileantachd. B’ e fear de na prìomh adhbhair a bhith a’ leughadh sa Ghàidhlig airson tlachd cothrom fhaotainn a-steach do chultar na Gàidhlig agus ‘dòigh smaoineachaidh eile’. Bha coltas gun robh leughadh airson tlachd a-mhàin ga dhèanamh sa Bheurla, ach a-mhàin le luchd-leughaidh a bha fileanta sa Ghàidhlig. Ach a dh’aindeoin sin, bha luchd-leughaidh sa Ghàidhlig aig gach ìre a’ leughadh airson tlachd gu ìre air choreigin. Leis gu bheil leughadh airson tlachd cho cudromach mar phrionnsapal ann an siostam an fhoghlaim ann an Alba, tha e follaiseach gu bheil cothroman ann do CnanL obrachadh cuide ri buidhnean iomchaidh gus goireasan leughaidh iomchaidh airson tlachd a leasachadh.

3.3 Bacaidhean gu Leughadh sa Ghàidhlig
B’ e an dà phrìomh bhacadh a chaidh a chomharrachadh nach robh raon farsaing de leabhraichean ann agus cion leabhraichean san fharsaingeachd. Nochd na beachdan gur e glè bheag de leabhraichean Gàidhlig a bha sa mhòr-chuid de leabharlainn, agus gun robh e doirbh aithneachadh dè na h-ìrean dhan robh na leabhraichean freagarrach. Dh’adhbhraich a’ phuing seo gun do rinneadh moladh, ged a tha lèirmheasan leabhraichean gann an-dràsta, gum biodh iad sin feumail gus aithneachadh an robh leabhar aig an ìre cheart do leughadairean agus am biodh ùidh aca ann. An-dràsta, tha leughadairean an urra ri comhairle bho charaidean/chàirdean airson faighinn a-mach mu leabhraichean anns am faodadh ùidh a bhith aca.
Bha e follaiseach gun robh luchd-ionnsachaidh a’ coimhead ris an teacsa ann an leabhar gus faicinn an robh e aig ìre iomchaidh dhaibh agus a’ taghadh an leabhair air a’ bhunait sin seach a bhith a’ taghadh leabhar a rèir an t-seòrsa leabhair a bh’ ann, ùghdar no cuspair. Mar sin, bha e cudromach dhaibhsan gum biodh lèirmheas a’ gabhail a-steach cunntas a bheireadh cothrom dhaibh ìre an teacsa a mheas agus cuideachd càileachd an leabhair.
Chaidh beachdachadh anns na buidhnean fòcas air ciamar a ghabhadh barrachd luchd-labhairt a bhrosnachadh gu bhith a’ leughadh sa Ghàidhlig. Sheall na beachdan gu bheil dà adhbhar ann airson cion ùidh ann an leughadh sa Ghàidhlig. An toiseach, bha fileantaich a thogadh leis a’ Ghàidhlig glè thric air an oideachadh sa Bheurla agus cha robh an-còmhnaidh ùidh aca a bhith a’ leughadh sa Ghàidhlig. San dara àite, chan eil luchd-ionnsachaidh a’ coimhead air leughadh sa Ghàidhlig mar leughadh airson tlachd: ’s dòcha gu bheil iad a’ dèanamh tòrr leughaidh sa Bheurla, ach tha iad a’ faicinn leughadh sa Ghàidhlig mar nì a tha doirbh. Bha faireachdainn ann gun gabhadh am buidheann seo a bhrosnachadh gu bhith a’ leughadh sa Ghàidhlig nam biodh iad mothachail air a mar a leasaicheadh leughadh na sgilean cànain aca.

3.4 A’ leasachadh Leughadh airson Tlachd
Chomharraich an rannsachadh grunn raointean anns an gabhadh ’s dòcha ùidh ann an leughadh sa Ghàidhlig airson tlachd a leasachadh:

• B’ e na prìomh bheàrnan a chaidh a chomharrachadh san t-seòrsa leabhraichean Gàidhlig a tha rim faotainn: – Ficsean eachdraidheil – Dìomhaireachd – Biadh agus Deoch – Eachdraidh Nàdair – Cur-seachadan agus Ùidh
• Bha ùidh an ìre mhath ann an leabhraichean-e agus leabhraichean claistinn sa Ghàidhlig. Bhathar a’ faicinn gun robh na h-uimhir de bhuannachdan ionnsachaidh san dà dhòigh sin gus piseach a thoirt air briathrachas agus air fuaimneachadh agus gun robh iad a’ tabhann dhòighean nas fhasa air leughadh agus (a thaobh leabhraichean claistinn).
• Barrachd mothachaidh air leabhraichean Gàidhlig agus grunn sheòrsaichean leabhraichean a bhith rim faotainn
• Barrachd nobhailean goirid sa Ghàidhlig agus barrachd irisean Gàidhlig

Chaidh Comhairle nan Leabhraichean ainmeachadh mar am buidheann a bu dòcha mothachadh a thogail air na leabhraichean Gàidhlig a tha rim faotainn: tha seo a’ ceangal ris gur e am buidheann a bu dòcha bhom faigheadh luchd-freagairt leabhraichean. Bha a’ mhòr-chuid de leughadairean mothachail air Cnan L agus air Bòrd na Gàidhlig, agus bha iad gu math mothachail gu bheil CnanL ag amas air leabhraichean Gàidhlig a bhrosnachadh agus taic a thoirt do dh’ùghdaran Gàidhlig.
Sheall na h-agallamhan mionaideach nach robh mòran fianais aca gu bheil buidhnean a’ brosnachadh cultar leughaidh san àite-obrach no ann an coimhearsnachd na Gàidhlig san fharsaingeachd. Bha feadhainn sna buidhnean mothachail ge-`ta air cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ leughadh airson tlachd agus gu bheil iad a’ toirt taic do Chomhairle nan Leabhraichean agus do bhuidhnean eile iad a bhith a’ cur iomairtean air adhart gus leughadh a bhrosnachadh.


4. Molaidhean
B’ e na prìomh mholaidhean a nochd bhon rannsachadh:

• Tha ceangal follaiseach eadar leughadh airson tlachd agus leasachadh plana na Gàidhlig agus bu chòir seo a bhith air aithneachadh ann am Plana Nàiseanta ùr na Gàidlig.
• Bu chòir CnanL a bhith os cionn Ro-innleachd Leughaidh Nàiseanta na Gàidhlig gus taic a chumail ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Feumaidh an ro-innleachd a bhith mar phàirt dhen chlàr-leasachaidh nàiseanta agus a bhith air a dhealbh cuide ri na buidhnean nàiseanta Gàidhlig gu lèir, agus buidhnean iomchaidh sa choimhearsnachd. Bu chòir dha mar sin aithneachadh cho cudromach ’s a tha leughadh airson tlachd agus coimhead ris na bacaidhean a chaidh a chomharrachadh san rannsachadh.
• Bu chòir do CnanL leughadh airson tlachd a leasacahadh tro leantainn orra a’ toirt taic do choimiseanadh foillseachadh nan seòrsaichean leabhraichean Gàidhlig as motha a tha a’ còrdadh ri daoine: bàrdachd, eachdraidh, eachdraidhean-beatha agus eucoir.
• Bu chòir sùil a thoirt air na beàrnan sna seòrsaichean leughaidh a sheall an rannsachdh cuide ri sgrìobhadairean agus foillsichearan, agus bu chòir do CnanL obrachadh a-mach dè am maoineachadh a bharrachd a bhiodh a dhìth airson na beàrnan sin a lìonadh.
• Bu chòir do CnanL co-obrachadh cuide ri buidhnean le uallach airson dèanamh agus sgaoileadh ghoireasan is stiùireadh foghlaim airson a bith cinnteach gun tèid an Ro-innleachd Leughaidh Nàiseanta a choileanadh ann an sgoiltean FMG.
• Bu chòir do CnanL beachdachadh air na leasaichidhean a chaidh a chomharrachadh san rannsachadh gus leughadh airson tlachd a bhrosnachadh, agus gu h-àraidh:
– Raon/seòrsaichean leabhraichean rim faotainn a chur am meud
– Tairgse sa bhùth air-loidhne a thoirt air adhart agus mothachadh a chur am meud air na leabhraichean Gàidhlig rim faotainn air-loidhne
– A' toirt cuideachadh do leughadairean mun ìre comais a tha a dhìth airson leabhraichean sònraichte a leughadh, me lèirmheasan, molaidhean, msaa
– Measadh a dhèanamh air comas leabhraichhean-e no leabhraichean claistinn a leasachadh

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: