DUAISEAN NAN SGRÌOBHADAIREAN ÙRA 2018

DUAISEAN NAN SGRÌOBHADAIREAN ÙRA 2018


Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba air dithis ainmeachadh mar luchd-glèidhidh Dhuaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2018.

’S iad an dithis a bhios a’ gabhail pàirt anns an sgeama brosnachaidh am-bliadhna, Alistair Paul, gàirnealair à Eilean Arainn, agus Calum MacFhionghain, a tha ag obair na mhanaidsear aig Radio nan Gàidheal ann an Glaschu. Bidh iad a’ leantainn sreath de sgrìobhadairean eile a shoirbhich air an sgeama, leithid Iain Urchardan, Mòrag Anna NicNèill agus Maureen NicLeòid, a tha uile air leabhraichean fhoillseachadh bho chionn ghoirid.

Tha an iomairt leasachaidh seo, a thòisich ann an 2010, ag amas air prògram de thaic phroifeiseanta agus chùrsaichean trèanaidh a chur air dòigh do gach sgrìobhadair a bhios a’ gabhail pàirt. Thairis air a’ bhliadhna seo bidh cothrom aig Alistair agus Calum a dhol an sàs ann am prògram a’ gabhail a-steach stiùireadh bho sgrìobhadairean stèidhichte, trèanadh airson an sgilean a leasachadh agus seachdain sgrìobhaidh aig Ionad Moniack Mhòr faisg air Inbhir Nis. Cuideachd, gheibh iad cothrom ùine a chur seachad cuide ri daoine eile aig an aon ìre nan cuid sgrìobhaidh agus an obair a leughadh gu poblach aig taisbeanadh sònraichte an Dùn Èideann.

Gheibhte tuilleadh fiosrachaidh mu luchd-gleidhidh Dhuaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2018, cuide ri earrannan dhen sgrìobhadh aca, air làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean an seo



Chaidh seo ùrachadh air 18 Faoilleach 2018

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: