Cùrsa: Sgilean Sgrìobhaidh is Deasachaidh Gàidhlig

Cùrsa: Sgilean Sgrìobhaidh is Deasachaidh Gàidhlig

Sgilean Sgrìobhaidh is Deasachaidh Gàidhlig
Cùrsa Trèanaidh 3-latha còmhla ri Ruairidh MacIlleathain

Dimàirt 30 an Dàmhair - Diardaoin 1 Samhain 2018
Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a' Mhansa, Glaschu G11 5QP
9.30m - 4.45f

A bheil thu a’ teagasg? A’ sgrìobhadh Gàidhlig anns na meadhanan? An-sàs ann an obair-deasachaidh? Ag eadar-theangachadh? Neo, a bheil thu a’ sgrìobhadh leabhraichean? Bidh an cùrsa seo feumail dhut.

Tha an cùrsa seo fosgailte do neach sam bith a tha fileanta ann an Gàidhlig aig a bheil ùidh ann an sgilean-sgrìobhaidh agus/neo obair-deasachaidh. Tha e air a dhealbhachadh do dhaoine a tha ag obair gu làitheil, gu tric gu proifeiseanta, ann an Gàidhlig, ach tha e feumail do dhuine sam bith a chuireas feum làitheil air an cuid Gàidhlig. Tha e buannachdail dhaibhsan aig a bheil Gàidhlig bho dhùthchas, feadhainn a dh’ionnsaich an cànan tro fhoghlam sgoile, agus daoine a thog a’ Ghàidhlig mar inbhich.

Mar fheallsanachd, tha sinn a’ gabhail ris gu bheil a’ Ghàidhlig, mar chànan beò, ag atharrachadh agus a’ fàs (agus gu ìre a’ crìonadh aig an aon àm). Ach tha sinn a’ gabhail ris cuideachd gu bheil riaghailtean is nòsan ann a bhuineas don chànan agus a dh’fheumar a leantainn ma tha sinn gu bhith mar phàirt de choimhearsnachd a chuireas luach ann an snas cainnt is snas sgrìobhaidh. Tha an dà rud sin – ùr-nòsachd agus seann-nòsachd – a’ bualadh air ar cànan fad na h-ùine agus ’s ann dìreach le tuigse orra a nì sinn co-dhùnaidhean ciallach air mar a chuireas sinn na ‘riaghailtean’ an sàs anns an latha an-diugh nar n-obair làitheil. Tha an tuigse sin mar bhunait don chùrsa seo.

Tha lìbhrigear a’ chùrsa a’ cur fàilte air deasbad agus air soilleireachadh suidheachadh dualchainntean nan oileanach, oir tha dualchainntean gu mòr mar phàirt dhen Ghàidhlig fhathast. Mar phrionnsapal, cuirear luach co-ionann anns gach dualchainnt.

A bharrachd air sàr theagasg fad trì latha bho Ruairidh MacIlleathain, gheibhear teisteanas oifigeil ann an co-bhoinn le Oilthigh Glasgow Caledonian, ma thèid gu math leat.  Tha an cùrsa seo aig ìre SCQF 10, agus tha luach 20 comharra-creideis ann. Tha an cùrsa a’ gabhail a-steach 3 latha de dh’obair clas, agus sgrìobhadh is leughadh taobh a-muigh a’ chlas.

Airson àite fhaighinn air a' chùrsa seo, cuir fios thugainn air 0141 337 6211 no air post-d.







A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: