DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2018 - GEÀRR-LIOSTA

Duais Dhòmhnaill Meek 2018 - Geàrr-liosta

Chaidh sia leabhraichean ùra Gàidhlig ainmeachadh air geàrr-liosta na bliadhna-sa airson Duais Dhòmhnaill Meek. Bidh Duais Dhòmhnaill Meek 2018 air a bhuileachadh air Leabhar na Bliadhna agus thèid duaisean eile airson litreachais a thoirt seachad ri linn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. Thèid luchd-glèidhidh nan duaisean ainmeachadh aig tachartas sònraichte ann an Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd ann an Glaschu air Diardaoin 4 Dàmhair 2018.

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean, Rosemary Ward:

"Tha sinn air leth toilichte gu bheil Duais Dhòmhnaill Meek a’ fàs agus a’ dol bho neart gu neart gach bliadhna. Tha sinn fada an comain Bhòrd na Gàidhlig airson an taic ann a bhith a’ leudachadh an àireamh de dhuaisean a thathar a’ toirt seachad airson litreachas na Gàidhlig. Bha 16 tagraiche ann uile‑gu‑lèir am-bliadhna le measgachadh math de dhiofar gnè air an riochdachadh. Tha Comhairle nan Leabhraichean gu mòr an comain nam britheamhan a leugh a h-uile tagradh agus a thàinig gu aonta mu na leabhraichean a bha airidh air a dhol air a’ gheàrr-liosta. Tha e na thlachd a bhith a’ faicinn uiread de sgrìobhadairean ùra a’ gabhail ùidh anns an fharpais seo agus thathar a’ guidhe gach soirbheachas dhan h-uile duine a tha air a’ gheàrr-liosta.”

Chaidh na sia leabhraichean a leanas ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson Duais Dhòmhnaill Meek 2018:

  • An Còta Dathach agus Deich Sgeulachdan Eile le Donnchadh MacGillIosa
  • Bàrdachd mo Bhaile le Rody Gorman
  • Brìgh 's Spioraid le Marion F. Mhoireasdan
  • Còig Duilleagan na Seamraig le Ruairidh MacIlleathain
  • Constabal Murdo le Aonghas Pàdraig Caimbeul
  • Nàdar De le Pàdraig MacAoidh

 

Duais Dhòmhnaill Meek 2018
7.00f air Diardaoin 4 Dàmhair 2018
Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, Sràid McPhater, Glaschu

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: