DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2018

DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2018

Tha Comhairle nan Leabhraichean a' sireadh thagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson farpais Duais Dhòmhnaill Meek 2018. Chuireadh an duais seo air chois le taic-airgid bho Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gàidhlig le sùil gum misnich is gun cuidich i sgrìobhadairean Gàidhlig ùra agus stèidhichte.

A rèir Rosemary Ward, Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean,

"Tha a h-uile duine aig Comhairle nan Leabhraichean air leth toilichte gu bheil ùidh mhòr aig sgrìobhadairean Gàidhlig anns an fharpais bhliadhnail chudromach seo agus gu bheil an àireamh de thagraidhean a’ dol an àirde bliadhna às dèidh bliadhna. Thèid duaisean litreachais Gàidhlig a bhuileachadh orrasan a thathar a’ measadh airidh air moladh aig tachartas snasail ann an Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd ann an Glaschu. Thathar an dòchas gum faighear measgachadh math de thagraidhean am-bliadhna seo a-rithist.”

Chaidh sianar ainmeachadh air gèarr-liosta Duais Dhòmhnaill Meek 2017, agus chaidh am prìomh dhuais a buileachadh air Iain MacRath airson an dealbh-chluich, Taigh Sheonachain. Choisinn Eòghann Stiùbhart an dàrna duais airson a’ chiad chruinneachadh dhen bhàrdachd aige, Beum Sgèithe, agus b’ i Mòrag Anna NicNèill a choisinn an treasamh duais airson Èiginn Ùisdein, an dàrna leabhar a tha i air sgrìobhadh do chloinn. Rinn na britheamhan luaidh mòr air na sgrìobhadairean a fhuair air a’ gheàrr-liosta.

Faodar tagradh, ann an Gàidhlig na h-Alba, a chur a-steach sna gnèithean a leanas ron cheann-latha gu h-ìosal:

- Sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig - bàrdachd, sgeulachdan, nobhail no dràma - a bhios aig meudachd leabhair
- Rosg eile sa Ghàidhlig, aig meudachd leabhair
- Sgrìobhadh cruthachail do chloinn no do dh’inbhich òga sa Ghàidhlig, aig meudachd leabhair

Chan fhaodar sgrìobhadh a tha ann an clò mar-thà no a bhios foillsichte ron cheann-latha dùnaidh a chur a-steach airson Duais Dhòmhnaill Meek. Chan fhaodar pìos sgrìobhaidh a chaidh a chur a-steach airson na duais roimhe a chur a-steach a-rithist ann an cruth sam bith.

Bu chòir do thagraichean an stiùireadh agus na riaghailtean air fad a leughadh an seo mus cuir iad tagradh a-steach.

Faodar an sgrìobhadh a chur a-steach gu h-eileagtronaigeach gu rosemary@gaelicbooks.org  ro 17.00 air Dihaoine 4 Cèitean 2018. Feumar foirm-iarrtais (a gheibhear gu h-ìosal) a chur ris an tagradh.

Thèid an geàrr-liosta fhoillseachadh aig toiseach na Sultaine agus thèid na duaisean a thoirt seachad aig tachartas sònraichte ann an Glaschu san Dàmhair 2018.

Faodar ceistean a chur gu Rosemary Ward, Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean air 0141 337 6211.

Gur math a thèid leibh!

Stiùiridhean Tagraidh

Foirm-iarrtais

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: